Gearan mu staid nan rathaidean an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich

Tha luchd-còmhnaidh Shlèite air a bhith a' cur dealbhan den mhilleadh as miosa dhan chomhairle coimhearsnachd
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle Coimhearsnachd Shlèite san Eilean Sgitheanach air sgrìobhadh gu Comhairle na Gàidhealtachd le an draghan mu staid nan rathaidean sa sgìre.
Tha cho dona 's a tha cuid de na rathaidean singilte eadar na bailtean gu sònraichte a' dèanamh dragh dha na riochdairean coimhearsnachd.
Tha iad ag ràdh gu bheil am milleadh air na h-uimhir de rathaidean aig ìre chunnartach agus nach tèid aca air cantainn dè an fheadhainn a bu chòir a chàradh an toiseach.
Tha a' chomhairle coimhearsnachd ag iarraidh air an ùghdarras ionadail sgrùdadh a dhèanamh air na rathaidean uile ann an Slèite, agus barrantas a thoirt seachad gum bi maoineachadh air a chur mu seach airson obair-chàraidh sa bhliadhna ionmhais seo.

Thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Shlèite, an Dtr Andy MacUilleim: "Ge bith càite a bhios tu a' dràibheadh tha thu a' feuchainn ri na tuill a sheachnadh, chan urrainn dhut a dhol gu dìreach.
"'S e rud eile gum bi thu a' bualadh sna tuill gu h-àraid nuair a tha iad làn uisge no sneachda agus nach bi thu gam faicinn.
"Tha cosgais mhòr eaconomaigeach dhan luchd-còmhnaidh an seo ann an Slèite air sgàth droch staid nan rathaidean."
Dh'iarr a' chomhairle coimhearsnachd air muinntir na sgìre dealbhan a chur thuca a' sealltainn staid nan rathaidean as miosa.
Chaidh beachd iarraidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd.
