
Tunail anns na h-Eileanan Fàrach.
Nochd taic gu ìre do mholadh gum bu chòir coimhead ri tunailean is barrachd dhrochaidean is cabhsairean a thogail air a' Ghàidhealtachd.
'S iad Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a chuir na molaidhean air adhart.
A' toirt seachad fianais aig Comataidh Còmhdhail Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, thuirt Stiùiriche Ro-Innleachd agus na h-Eaconomaidh Dùthchail aig HIE, Màrtainn MacIain, gum bu chòir coimhead ri tunailtean, drochaidean is cabhsairean mar dhòigh air dèiligeadh ri staing nan aiseagan.
Dh'innis Mgr MacIain gu bheil daoine air earbsa a chall ann an seirbheisean aiseig is a thuilleadh air seo, gu bheil fianais air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean mar-thà air mar a tha coimhearsnachdan air buannachd fhaighinn bho dhrocaidean is cabhsairean.
Chuir cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, fàilte air na beachdan bho HIE.
Tha an Comh. Robasdan ag ràdh gum bu chòir beachdachadh co-dhiù air tunailtean. Thuirt e gum feumar beachd fhaighinn orra bho mhuinntir nan eilean sa chiad dol a-mach.
Rannsachadh
"Tha gnothan nan tunailtean air tighinn suas grunn thursan bho chionn ghoirid, gu h-àraid an lùib nan duilgheadasan a th' air a bhith againn le aiseagan", thuirt an Comh. Robasdan.
"Chan eil cinnt againn fhathast a bheil muinntir nan eilean fhèin air a shon is dh'fheumamaid beagan rannsachaidh a dhèanamh a thaobh a bheil daoine airson nan ceanglaichean sin fhaicinn.
"Aig an ìre seo bhiodh e math fhaighinn a-mach an gabh e dèanamh, dè chosgadh e is rudan mar sin", thuirt e.
Chuir an comh. Robasdan taic cuideachd ri moladh eile bho HIE gum bu chòir prìomhachas a chur air seirbheisean adhair aig tuath a leasachadh.
Mar phàirt den sin, tha iad a' moladh gun tigeadh gnothachasan a-steach gu sgeama ADS nam faraidhean saora.
Thuirt an Comh. Robasdan gu bheil "bacadh uabhasach" air luchd-gnothaich anns na h-eileanan an-dràsta leis nach eil iad nam pàirt de sgeama ADS.
Dh'innis e ge-tà, gu bheil Comhairle nan Eilean Siar air a bhith ag amas air a' cheum seo fad bhliadhnaichean is nach eil dòchas idir aige gun tèid sgeama ADA a leudachadh aig an àm seo nuair a tha staing ionmhais ann.