Bu chòir seirbheisean adhair a bhith nam prìomhachas - HIE

  • Air fhoillseachadh
Plèana

Tha HIE a' moladh gun dèanadh tuilleadh sheirbheisean adhair le faraidhean nas saoire faochadh dha na seirbheisean aiseig.

Bheir iad seachad fianais do Chomataidh Còmhdhail Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt, taobh a-muigh is a' chomataidh an-dràsta a' coimhead ri seirbheisean aiseig na dùthcha.

Tha a' bhuidheann iomairt ag ràdh gur e dha-rìribh staing a th' ann is gu bheil daoine air earbsa a chall ann an seirbheisean aiseig.

Thuirt iad gu bheil seo cuideachd a' toirt buaidh mhòr air gnothachasan eileanach.

Bu chòir bàtaichean ùra a cheannach cho luath 's a ghabhas, tha iad ag ràdh.

Ach mar dhòigh eile air dèiligeadh ris an t-suidheachadh, tha HIE cuideachd a' moladh piseach a thoirt air seirbheisean adhair do ghnothachasan gu sònraichte.

Prìomhachas

Bu chòir na th' ann de cheanglaichean adhair agus na tha e a' cosg an cleachdadh a bhith na "phrìomhachas", a rèir HIE.

Thuirt iad gum faodadh gnothachasan a thoirt a-steach gu sgeama ADS nam faraidhean saora is iad ag ràdh gun dèanadh seo feum dha na companaidhean fhèin, cho math ri togail a thoirt do shlighean eileanach.

Tha HIE cuideachd a' cur taic ri drochaidean is tunailean far a bheil iarrtas ann air an son.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil tòrr eisimpleirean ann air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean far a bheil drochaidean is cabhsairean air feum mòr a dhèanamh do choimhearsnachdan.

A thuilleadh air HIE, bheir Caidreachas Uisge-Bheatha na h-Alba is VisitScotland fianais do Chomataidh na Còmhdhail mu na h-aiseagan Dimàirt.