Beachdan gan sireadh mu ionad-còmhdhail an Inbhir Nis

Stèisean Bhusaichean Inbhir Nis
Fo-thiotal an deilbh,

Stèisean Bhusaichean Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Chaidh co-chomhairleachadh poblach a chur air chois a dh'fhaicinn am bu chòir ionad-còmhdhail, far am b' urrainnear càr fhàgail agus leum air còmhdhail poblach, a chruthachadh ann an Inbhir Nis.

A rèir Chomhairle na Gàidhealtachd, dh'fhaodadh daoine a bhios a' siubhal air busaichean gu Peairt, Dùn Èideann agus Glaschu a chleachdadh.

Tha seo mar phàirt de Phròiseact Ionadan Siubhail na comhairle, a' coimhead air mar a ghabhas còmhdhail poblach a chleachdadh ann an dòighean nas èifeachdaiche.

Tha an ceisteachan fosgailte air loidhne do dhuine sam bith a bhios a' siubhal eadar a' Ghàidhealtachd agus meadhan na h-Alba, agus dùinidh e aig meadhan-oidhche air an 31mh den Iuchair.

Chaidh am beachd a thogail aig tachartas co-chomhairleachaidh anns a' Mhàrt.

Thuirt cathraiche Comataidh na h-Eaconamaidh agus a' Bhun-structur aig Comhairle na Gàidhealtachd, Ken Gowans, gu bheil daoine ag iarraidh roghainnean nas fheàrr airson a bhith a ceangal ri seirbheisean thar astar.

Thuirt e: "Mar thoradh air an sin, tha sinn a-nis ag iarraidh air daoine innse dhuinn mar a tha iad an-dràsta a' siubhal eadar a' Ghàidhealtachd agus meadhan na h-Alba."

Tuilleadh air an sgeulachd seo