Naidheachdan 10:00m

Cumhachd

Chaidh rabhadh a thoirt gum fuiling grunn dhaoine ann an Alba, Sasainn agus a' Chuimrigh agus prìs a' ghas agus an dealain a' dol an àird 13% an-diugh. Tha Ofcom air an cuibhreachadh air prìs a' chonnaidh àrdachadh mar thoradh air a' bhuaidh a tha an cogadh eadar na Stàitean Aonaichte agus Ioran a' toirt air mòr-phrìsean air feadh an t-saoghail.

Dìon

Bidh aig Andy Burnham ri beàrn ionmhais de mu thimcheall air £5bn a lìonadh airson geallaidhean an riaghaltais mu bhith a' dìon na dùthcha a choileanadh. Gheall Sir Keir Starmer an-dè gun tèid £15bn a bharrachd a chosg air na feachdan armaichte thairis air ceithir bliadhna. Gu ruige seo, chan eil Roinn an Ionmhais ach air beagan is £10bn den t-airgead sin a lorg.

Teothachd na Mara

Sheall dàta ùr air a' mhìos a chaidh gun do dh'èirich blàths cuantan an t-saoghail chun na h-ìre as àirde a chaidh a thomhais a-riamh. Tha luchd-saidheans bhon bhuidhean faire Eòrpach, Copernicus, a' toirt rabhadh gum faodadh gun cùm an teothachd ag èirigh anns na beagan mhìosan a tha romhainn air sàilleabh a' bhuaidh a bhios aig El Niño air a' Chuan Shèimh.

Dòmhnall Trump

Chaidh an Taigh Geal às àicheadh gu bheil dad mì-iomchaidh mu obraichean ghnothachais Dhòmhnaill Trump agus àireamhan oifigeil a' sealltainn gun do choisinn e $2.2bn bhon a chaidh e na cheann-suidhe airson an dàrna turas. Thàinig còrr is $1bn den sin bho bhith a' dèiligeadh ann an airgead crypto. Tha na pàipearan cuideachd a' sealltainn gun do choisinn an ceann-suidhe £30m bhon dà chùrsa goilf aige ann an Alba - Trump Turnberry agus Trump International.

Ebola

Chaidh a dhearbhadh nach e ebola a bh' air euslainteach a chaidh a thoirt gu Ospadal na Bànrigh Ealasaid ann an Glaschu an-dè. Chaidh teàrainteachd slàinte a theannachadh anns an ospadal nuair a chaidh euslainteach a thoirt a-steach tràth madainn Dhimàirt. Tha Buidheann Slàinte na Cruinne air taomadh a' ghalair ann am Poblachd Deamocrataicheach a' Chongo ainmeachadh mar chùis-èiginn eadar-nàiseanta.

Meagsago

Bhàsaich dithis ann an tubaistean ann am Meagsago City a thachair fhad 's a bha na mìltean mòra a-muigh a' comharrachadh an sgioba nàiseanta a bhith a' dol troimhe chun na h-ath chuairt de Chupa na Cruinne. Rinn Meagsago a' chùis air Eacuador 2-1 aig raon-cluiche an Azteca. Coinnichidh iad ri Sasainn anns na 16 mu dheireadh, cho fad 's gun dèan an sgioba aig Tòmas Tuchel an gnothach air a' Chongo an-diugh fhathast.