Dìth airgid a' fàgail nach eil staing na Gàidhlig ga sgrùdadh an doimhneachd sna meadhanan?

Tha Comataidh nan Cùisean Albannach air rannsachadh a thòiseachadh air craoladh na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh
Tha dìth maoineachaidh a' fàgail nach eil staing is duilgheadasan na Gàidhlig air an rannsachadh mar bu chòir leis na meadhanan.
'S e sin an rabhadh a thàinig bhon Ollamh Conchúr Ó Giollagáin is e a' toirt seachad fianais aig Westminster Diciadain.
Thuirt e gum faodadh seo "beàrn" fhosgladh eadar na meadhanan is a' choimhearsnachd.
Bha an t-Oll Ó Giollagáin, prìomh ùghdair an leabhair "The Gaelic Crisis in the Vernacular Community", am measg na thug seachad fianais aig Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster.
Thuirt e às ùr cuideachd gu bheil suidheachadh a' chànain san fharsaingeachd ann an suidheachadh fìor chugallach - mar a chuir an leabhar aige an cèill bho thùs - is nach eil gu leòr idir a' tachairt fhathast airson gnothaichean a leasachadh.
Craoladh na Gàidhlig: Rannsachadh Westminster a' cluinntinn fianais
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
"Dragh mòr" air MG ALBA mu ghearraidhean aig a' BhBC
- Air fhoillseachadh23 An t-Ògmhios
Comataidh aig Holyrood a' moladh "co-ionnanachd spèis" eadar craoladh Gàidhlig is Cuimris
- Air fhoillseachadh20 Am Màrt
Tha Comataidh nan Cùisean Albannach an-dràsta a' rannsachadh craoladh sa Ghàidhlig 's iad a' coimhead air maoineachadh agus seasamh reachdail.
Thuirt an t-Oll Ó Giollagáin riutha gu bheil na meadhanan mar lionsa as urrainnear a chleachdadh airson coimhead air a' chultar fhèin agus cultar dhaoine eile.
"Tha e a' toirt cothrom dhuinn sùil a thoirt air luachan agus dùbhlain a' chultair sin agus tha ìmpidh mhòr air cultar na Gàidhlig," thuirt e.
Rinn e moladh air aithrisean naidheachd mun rannsachadh aige mu staing na Gàidhlig, ach thuirt e nach deach coimhead ri gnothaichean ann an doimhneachd gu leòr ann am prògraman aithriseach bhon uairsin.
Tha e den bheachd nach eil maoineachadh gu leòr aig na meadhanan airson a bhith a' coimhead air na duilgheadasan a th' ann an coimhearsnachd na Gàidhlig anns an doimhneachd a tha a dhìth.
Bile nan Cànanan "gun fheum"
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2025
Staing na Gàidhlig: "cha deach gu leòr adhartais a dhèanamh"
- Air fhoillseachadh2 An t-Iuchar 2021
"Tha dùbhlain deasachaidh aig BBC ALBA, a thuilleadh air dùbhlain bun-reachdail," thuirt e.
"Sin a thaobh mar a tha iad a' beachdachadh air no a' rannsachadh nan trioblaidean leis a bheil luchd-labhairt na Gàidhlig a' dèiligeadh ann an diofar phàirtean de dh'Alba."
"Tha coimhearsnachd na Gàidhlig ann an staing agus dh'fhaodadh sinn faighneachd an deach na duilgheadasan sin a rannsachadh ann an doimhneachd cheart leis na meadhanan Gàidhlig."
"Ach ri linn dìth maoineachaidh, chan eil fòcas gu leòr air prògraman aithriseach nam bheachdsa. Agus tha buidseat gu math gu math beag ann airson obair-naidheachd sgrùdail."
"Nuair nach eil rudan ag obrachadh mar bu chòir, nuair a tha rudan a' dol ceàrr, nuair a tha rudan a' tachairt ris nach bu chòir gabhail - chan eil na meadhanan Gàidhlig a' dèanamh sgrùdaidh cheart air seo."
An t-Oll Conchúr Ó Giollagáin a' bruidhinn ri Shona NicEanraig air Aithris na Maidne
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, thuirt an t-Oll Ó Giollagáin gun robh "The Gaelic Crisis in the Vernacular Community" air sealltainn nach robh dàimh eadar na buidhnean Gàidhlig agus a' choimhearsnachd.
Cha bhiodh e math air dhòigh sam bith, thuirt e, nam biodh "beàrn mar sin a' fosgladh eadar a' choimhearsnachd Ghàidhlig agus craoladairean Gàidhlig".
Thuirt e gu bheil feum air barrachd maoineachaidh a chosg air na meadhanan Gàidhlig is farsaingeachd de phrògraman a dhèanamh.
Dh'iarr gum biodh cuibhreann dheth air a chosg air prògramanan aithriseach is obair sgrùdaidh air staing a' chànain.
Bòrd na Gàidhlig
Chualas cuideachd bho Bhòrd na Gàidhlig, a thuirt gu bheil tuilleadh maoineachaidh a cheart cho cudromach ri seasamh reachdail.
Thuirt Àrd-oifigear a' Bhùird, Ealasaid NicDhòmhnaill: "Tha na meadhanan Gàidhlig a' toirt seallaidh dhuinn air ar beatha a tha mìorbhaileach."
"Ach chan eil maoineachadh aca a leigeas leotha sin a dhèanamh uabhasach tric."
"Tha iad airidh air cothrom putadh air adhart."
Thàinig rabhadh bhuaipe cuideachd.
Mura tig tuilleadh maoineachaidh agus maoineachadh ceart, thuirt i gu bheil cunnart ann nach tèid aig MG ALBA air na h-ìrean bunaiteach a thathas a' coileanadh an-dràsta a thoirt gu buil.
"Tha na meadhanan ga dhèanamh"
Bha cathraiche a' bhùird, an t-Oll Rob Dunbar, cuideachd air beulaibh an rannsachaidh.
Rinn an t-Oll Dunbar moladh air adhartas nam meadhanan Gàidhlig thairis air na bliadhnaichean is thog e air cho cudromach 's a tha e dhan chànan.
Tha e deatamach, thuirt e, gum bi barrachd maoineachaidh ann agus barrachd taic san lagh.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt an t-Oll Dunbar cuideachd gu bheil esan den bheachd gu bheil na meadhanan gu ìre mhòir a' dèiligeadh ris na dùbhlain a tha a' bualadh air a' Ghàidhlig is gur e obair fìor chudromach a tha sin.
"Nuair a thàinig an leabhar aig an sgioba aige fhèin (an t-Oll Ó Giollagáin) a-mach bha an t-uabhas air na meadhanan mu dheidhinn is tha na meadhanan a' toirt aithrisean air na thachair aig Westminster an-diugh.
"Aon de na rudan a tha cudromach, gum bi dòighean air còmhraidhean a chumail air poileasaidh is staid na Gàidhlig ach tha na meadhanan ga dhèanamh.
"Bhiodh barrachd dheth sin math, ach tha mi a' smaointinn nach eil e gu buileach ceart a ràdh nach eil na meadhanan Gàidhlig a' dèanamh agus a' sgrùdadh agus a' cruthachadh chothroman dhan choimhearsnachd".