Na fhuair bàs le drugaichean air a dhol suas air a' Ghàidhealtachd

Dà shnàthad dhrugaichean air an làrTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thàinig àrdachadh air na bhàsaich ri linn drugaichean an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd an-uiridh.

B' e drugaichean a thug bàs do 24 duine ann an 2025, an taca ri 21 a' bhòn-uiridh.

Bhàsaich nas lugha dhaoine an Earra-Ghàidheal is Bòd an-uiridh, naoinear an coimeas ri trì deug ann an 2024.

Cha deach bàs co-cheangailte ri drugaichean mì-laghail a chlàradh sna h-Eileanan an Iar ann an 2025.

Bhàsaich dithis ann an 2024, agus còignear ann an 2023.

'S ann an Alba a tha ìre a' bhàis le drugaichean as miosa san Roinn Eòrpa.

Tha Clàraidhean Nàiseanta na h-Alba, taobh a-muigh ag ràdh gun robh àrdachadh 11% sna fhuair bàs air sgàth dhrugaichean ann an 2025.

Chaochail còrr is 11,000 duine sna deich bliadhna a dh'fhalbh.

Thuirt Ministear an Deoch-làidir agus Drugaichean Maree Todd ris a' phàrlamaid gun robh na bàsan uabhasach agus na adhbhar dragh.

Thug i rabhadh mu na cunnartan an cois "stuthan fuadain fìor làidir, mu mar a tha cleachdadh dhrugaichean ag atharrachadh, agus na bhios de dhaoine a tha a' gabhail mòran dhiofar dhrugaichean aig an aon àm".

Thuirt i gum feumadh teaghlaichean a tha a' caoidh a bhith "aig cridhe" phoileasaidhean an riaghaltais.

Chuala buill-phàrlamaid gun tàinig àrdachadh air na bha de leapannan ath-ghnàthachaidh agus gun tug an riaghaltas maoineachadh seachad airson 1,100 greis-àth-ghnathachaidh an-uiridh, ach gun robh barrachd obrach a dhìth.

Thuirt am ministear: "'S e an lèirsinn againn gum faigh daoine an Alba an taic a dh'fheumas iad sa choimhearsnachd aca fhèin fo shiostam nach bi a-mhàin a' dèiligeadh ri tinneas ach cuideachd a' feuchainn ri stad a chur air aig ìre thràth."

"Sgainneal nàiseanta"

Thuirt tè-labhairt nan Làbarach airson slàinte, Jackie Baillie, gur e "sgainneal nàiseanta" a tha anns na figearan.

Dh'fhàg i air an riaghaltas nach eil iad idir a' gluasad luath gu leòr airson dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Thuirt leas-cheannard Reform Scotland, Tòmas Kerr, gu bheil ministearan air teaghlaichean a leigeil sìos.

Thuirt e gu bheil an t-àm aca "dùsgadh agus atharrachaidhean a chur an gnìomh".