£1.7m do sheirbheisean deoch-làidir is dhrugaichean an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Thèid £1.7m a chur mu choinneamh sheirbheisean do dhaoine a tha air am beò-ghlacadh le deoch-làidir agus drugaichean ann an Inbhir Nis.
Chaidh an t-airgead a thoirt dhan charthannas CrossReach le Riaghaltas na h-Alba airson leudachadh a thoirt air an àireimh de dhaoine a gheibh taic aig an ionad aca ann an Taigh Cale.
Bheir an t-airgead cothrom do dh'Eaglais na h-Alba, leis a bheil CrossReach, Taigh Cale a cheannach.
Tha a' bhuidheann an uair sin ag amas air an t-ionad ath-leasachadh agus sia leapannan ùra a stèidheachadh a bheir taic do dhaoine a tha feumach air seirbheisean ath-ghnàthachaidh.
Chuir Stiùiriche Sheirbheisean Inbheach aig CrossReach, Vic Walker, fàilte air an ionmhas riaghaltais a tha "a' togail air eachdraidh de 30 bliadhna de thaic a thoirt do dhaoine airson piseach a thoirt air am beatha".
Crossreach a' sireadh taice. Bhideo, 00:02:09
- Air fhoillseachadh10 An t-Samhain 2015
Ionad ath-shlànachaidh ùr an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh14 An Lùnastal 2025
Bidh comasan aig CrossReach suas ri 24 cothroman-taice sa bhliadhna a thabhann.
Sin a bharrachd air dà leabaidh do dhaoine a tha a' cur deòch-làidir no drugaichean air an cùlaibh còmhla ri 14 leapannan do dhaoine a tha ag ullachadh 'son tilleadh dhan choimhearsnachd.
Tha am pròiseact ag amas air cùisean a dhèanamh nas fhasa do dhaoine seirbheisean a lorg agus cuideachd slighean fhaighinn a-mach às na seirbheisean sin.
Thug Riaghaltas na h-Alba taic do ChrossReach airson na seibheisean aca ann an Taigh Beechwood a leudachadh ann an 2023, còmhla ris na goireasan ùra aca ann an Taigh Neibhis, a chaidh fhosgladh gu h-oifigeil an-uiridh.
Ath-slànachadh
Tha Vic Walker ag ràdh gum bi a' bhuidheann ag obair gu dlùth ri an com-pàirtichean airson taic a thoirt dhaibhsan le trioblaidean le deoch-làidir is drugaichean air feadh na Gàidhealtachd, anns na h-Eileanan an Iar agus anns na h-Eileanan a Tuath.
Thuirt i: "Tha daoine feumach air leigheas agus seirbheisean slànachaidh gu luath agus gu furasta, a tha comasach air beatha dhaoine a shàbhaladh agus a leasachadh.
"Tha sin a' gabhail a-steach farsaingeachd de thaic - a' toiseachadh le daoine a tha a' cur deoch-làidir is drugaichean air an cùlaibh far a bheil feum air cothromachadh agus cleachdadh a lùghdachadh, agus prògram stèidhichte airson an cur air ais air an casan agus taic le beatha làitheil.
"Tha fios againn gu bheil an fheallsanachd seo ag obair. Tha barrachd dhaoine a-nis a' dèanamh ath-thogail air a' bheatha aca mar thoradh air na seirbheisean seo agus tha sinn a-nis a' brosnachadh dhaoine eile taic a shireadh."