Naidheachdan 10:00m
An Ruis
Chleachd am Prìomhaire Andy Burnham a' chiad òraid aige dhan UN ann an New York airson fàgail air an Ruis gu bheil iad ri iomairt "ghrannda, charach" airson mì-fhiosrachadh agus breugan a sgaoileadh anns an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt e gun robh Mosgo a' feuchainn ri sgaraidhean agus eu-dòchas adhbharachadh ann am Breatainn. Dh'iarr e air ceannardan tèarainteachd, thuirt e, buidheann ùr a chur air dòigh airson dìon a chur air fiosrachadh an aghaidh seo. Chaidh an Ruis às àicheadh nan casaidean.
Bàs ri linn Drugaichean
Tha dùil gun seall figearan a thèid fhoillseachadh an-diugh sa mhadainn gun tàinig àrdachadh eile an-uiridh air na bha de bhàs an Alba ri linn mì-chleachdadh dhrugaichean mì-laghail. 'S ann an Alba a b' àirde a bha ìre a' bhàis ri linn drugaichean san Roinn Eòrpa airson a' mhòr-chuid den deich bliadhna mu dheireadh, le còrr is 1,000 duine a' bàsachadh a h-uile bliadhna ri linn.
Gosport
Chaidh sianar a chur an grèim ann an Gosport an Hampshire an dèidh mar a chruinnich na ceudan a thogail fianais aig cala a' bhaile an-raoir. Bha aithrisean ann gun robh deugachadh bhàtaichean beaga a' dol a thighinn air tìr ann le inimrichean mì-laghail air bòrd. Chaidh na h-inimrichean sin a thoirt gu Dover ann an uairean beaga na maidne, an àite Gosport.
Cosgais a' Chonnaidh
Chuir ceannard buidhne coimhearsnachd ann an Cataibh ìmpidh air an t-Seansalair beachdachadh air cìs a' chonnaidh a ghearradh. Tha dragh air Dàibhidh Watson aig Urras Leasachaidh a' Chaoil Chataich gun toir cosgais àrd a' chonnaidh an-dràsta air daoine cunntasan a phàigheadh air creideas, agus a' Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan fhàgail air a' cheann thall. Tha connadh a' cosg còrr air £2 an liotair ann am mòran àitichean aig tuath a-niste. Chaidh cìs a' chonnaidh a reòthadh leis an riaghaltas Tòraidheach mu dheireadh, agus chuir Riaghaltas Sir Keir Starmer àrdachadh 3sg ris an robh dùil air a' mhìos seo fhèin air ais gu deireadh na bliadhna. Chaidh beachd iarraidh air an Riaghaltas.
Daoine òga a' strì
Tha Buidheann Comairleachaidh a' Phobaill ag ràdh gu bheil barrachd is barrachd dhaoine sna ficheadan a' dol thuca airson taic, agus feadhainn nach eil a' faighinn taic ionmhais bho an teaghlaichean a' strì gus cosgaisean bunaiteach a phàigheadh. Fhuair suirbhidh a rinn a' bhuidheann charthannais gu bheil còrr air dàrna leth dhaoine nas òige na 30 bliadhna air dheireadh le co-dhiù aon chunntas. Sin an taca ri mun treas cuid de dh'inbhich san fharsaingeachd.
Fànais
Agus stèidhichidh an Rìoghachd Aonaichte a' chiad aonad armaichte aice airson dìon a chur air saidealan ann am fànais. Thuirt Ministearalachd an Dìon gu bheil feum air seo airson dìon a chur air uidheaman conaltraidh, uidheaman a bheir rabhadh mu ionnsaighean urchair, agus innealan iùil shoithichean.