Tè à Leòdhas ga cur dhan phrìosan airson draibheadh gu cunnartach

Togalach cloiche buidhe le soidhne air a bheil sgrìobhte Stornoway Sheriff Court, Cùirt an t-Siorraidh Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh a' bhinn a thoirt seachad aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh Dimàirt

  • Air fhoillseachadh

Chaidh binn prìosain 12 mìos air boireannach à Leòdhas an dèidh tubaist rathaid san robh trì carbadan an sàs agus a dh'fhàg triùir san ospadal.

Nochd Sìne Màiri NicDhòmhnaill, 25, à Calanais, ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh Dimàirt.

Chaidh binn oirre airson daoine a dhroch leòn le bhith a' draibheadh gu cunnartach ann an tubaist eadar dà chàr agus làraidh connaidh air a' 1d den Lùnastal 2024 ann am Borgh air taobh siar Leòdhais.

Chaidh i fhèin agus boireannach, 36, a thoirt a dh'Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh ann an ambaileans. Thugadh nighean aois 11 dhan aon ospadal ann an ambaileans-adhair.

Chuala a' chùirt gun deach i seachad air an làraidh aig astar nuair nach robh sin sàbhailte agus gun do bhuail i ann an càr a' tighinn an taobh eile

Chaidh casg a chur oirre cuideachd bho bhith a' draibheadh airson 32 mìosan.