"Cothroman ùra do na meadhanan Gàidhlig" an cois teicneòlais dhidseataich

Tha cho math 's a rinn an dràma An t-Eilean, a choisinn duais eadar-nàiseanta, a' dearbhadh gu bheil miann an luchd-amhairc airson an leithid am beachd MG ALBA
- Air fhoillseachadh
Foillsichidh MG ALBA mar a tha iad am beachd fàs a thoirt air luchd-amhairc nam meadhanan Gàidhlig aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu Diardaoin.
Tha a' chompanaidh, a tha a' ruith BBC ALBA ann an co-bhann leis a' BhBC, ag ràdh gum bi Lèirsinn 2030 ag amas air leudachadh a thoirt air susbaint, cruthachalachd agus teicneòlas ùr-ghnàthach didsteatach.
Thuirt cathraiche MG ALBA, Iain Moireasdan: "Tha cothrom iongantach an cois àrd-ùrlaran didseataich barrachd dhaoine a thàladh gu susbaint Gàidhlig.
"Tha mar a shoirbhich le stuth didseatach, àrd-ùrlaran ionnsachaidh, spòrs beò agus prògraman a choisinn duaisean a' sealltainn gu bheil miann aig daoine air an leithid."
Tha Mgr Moireasdan ag ràdh gun gabh togail air an t-soirbheachas sin agus fàs a thoirt air luchd-amhairc le maoineachadh seasmhach fad-ùine.
Rabhadh mu "mhilleadh" mura faigh craoladh Gàidhlig cinnt air airgead is inbhe
- Air fhoillseachadh2 An t-Sultain
"Dragh mòr" air MG ALBA mu ghearraidhean aig a' BhBC
- Air fhoillseachadh23 An t-Ògmhios
Craoladh na Gàidhlig: Rannsachadh Westminster a' cluinntinn fianais
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios
Mìnichidh plana Bòrd-stiùiridh MG ALBA mar a ghabhas "na meadhanan Gàidhlig a bhith nas faicsinniche, nas àrd-amasaiche agus nas misneachaile gu didseatach".
Tha foillseachadh na rò-innleachd ùir a' tighinn aig àm cudromach do chraoladh na Gàidhlig, agus Cairt a' BhBC ga h-ùrachadh ann an 2027.
Thuirt MG ALBA roimhe gu bheil cothrom an cois a' phròiseis seo barrachd cinnt a bhith aca mun mhaoineachaidh a bhios ann do mheadhanan nam mion-chànanan.
Thuirt Àrd-oifigear MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul: "Tha a' Ghàidhlig na cànan beò a tha a' sìor atharrachadh.
"Tha Lèirsinn 2030 a' mìneachadh mar as urrainn dhuinn cothroman ùra a chruthachadh do chànan is cultar na Gàidhlig gus an soirbhich i ann am beatha phoblaich an là an-diugh."
Faodaidh sibh barrachd a leughadh mu Lèirsinn 2030 an seo., taobh a-muigh