Cnoc Soilleir air an dòigh fàilte a chur air Cèilidh na Bliadhn' Ùire

Dealbh de Chèilidh na Bliadhn' Ùire roimhe le luchd-ciùil air an àrd-ùrlar is daoine a' suidhe air am beulaibh
  • Air fhoillseachadh

Tha Cnoc Soilleir ann an Uibhist Deas ag ràdh gur e naidheachd air leth a th' ann gu bheil Cèilidh na Bliadhn' Ùire aig BBC ALBA a' tighinn thuca.

Chaidh an naidheachd a dhearbhadh aig a' Mhòd ann an Glaschu far an robh MG ALBA a' foillseachadh phlanaichean ùra 'son nam bliadhnaichean ri thighinn fon tiotal Lèirsinn 2030.

A' bruidhinn aig an tachartas, dhearbh Stiùiriche ùr Susbaint is Luchd-amais MG ALBA, Tony Kearney, gum bi cèilidh mhòr BBC ALBA a' dol a dh'Uibhist a Deas.

Thuirt Mgr Kearney gur e cothrom air leth a tha seo am prògram a thoirt gu "cridhe ar coimhearsnachd" agus na "goireasan ùr nòsach" ann an Dalabrog a chur gu feum.

Thuirt e gun tèid daoine às an sgìre fhastadh airson am prògram a thoirt gu buil.

Dh'fhosgail an dàrna ìre den leasachadh aig Cnoc Soilleir nas tràithe am-bliadhna.

Na chois tha talla-cluiche le rùm gu leòr do 200 luchd-èisteachd, stiùidio dannsa agus seòmraichean deasachaidh.

Thuirt cathraiche Cnoc Soilleir, Ailig O'Henley, gu bheil iad air a bhith ag amas air Cèilidh na Bliadhn' Ùire bho chrìochnaich iad an leasachadh.

Tha e ag ràdh gur e cothrom air leth a th' ann.

"Tha mi cho toilichte gu bheil Alba agus an saoghal a' dol a dh'fhaicinn nan goireasan mìorbhaileach againn, an luchd-ciùil tàlanta againn bho air feadh Uibhist agus gum bi hò-ro gheallaidh air leth aig a' choimhearsnachd againn a' toirt gu ceann bliadhna shònraichte airson Cnoc Soilleir agus na com-pàirtichean againn, Ceòlas agus UHI NWH.

"Mo thaing mhòr do MG ALBA agus BBC ALBA a tha air a bhith cho dealasach is deònach an tachartas sònraichte seo a thoirt a dh'Uibhist agus tha fadachd mhòr oirnn a-nis ri hò-ro gheallaidh air Oidhche Chullaig."

Bha an tuilleadh deagh naidheachd ann dha na h-eileanan mu dheas is MG ALBA ag ràdh gun cuir iad taic-airgid ri planaichean aig Ceòlas gus ionad meadhanan a stèidheachadh anns na h-eileanan.

Thuirt Mgr Kearney gur e leasachadh cudromach a th' ann.

"Bha iad sin talach air rudeigin, bha tòrr de rudan a' tachairt ann an Glaschu 's tòrr de rudan a' tachairt ann an Steòrnabhagh ach dè mu dheidhinn ar càirdean agus na h-eileanan a deas: Uibhist a Deas, Beinn na Faoghla, Barraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh, Uibhist a Tuath.

"Tha iad sin feumach cuideachd air àite far am faod daoine aig a bheil ùidh anns na meadhanan, a tha cruthachail, aig a bheil ùidh anns a' chànan, agus a bhith a' neartachadh nam freumhaichean a th' againn airson a' chànain phrìseil a tha seo."