Ullachadh na h-Alba ro theintean ga dheasbad aig Holyrood

Ceò ag èirigh on teine mhòr sa Mhonadh Ruadh as t-samhradhTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Thug e mu chòig seachdainnean airson teine sa Mhonadh Ruadh as t-Samhradh a mhùchadh - rud a thog ceistean mu cho ullaichte 's a tha na seirbheisean èiginn

  • Air fhoillseachadh

Feumar prìomhachas a thoirt don chunnart a th' ann bho atharrachadh na gnàth-shìde, a rèir BhPA Uainich airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, an dèidh droch theintean ann na Alba as t-samhradh.

Bheir Ariane Burgess air adhart deasbad aig Holyrood feasgar Diciadain, mu cho ullaichte 's a tha Alba mu choinneimh thachartasan gnàth-shìde.

Thug e cha mhòr còig seachdainnean airson teine fiadhaich ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a mhùchadh as t-samhradh - rud a th' air ceistean adhbharachadh mu cho deiseil 's a tha na seirbheisean èiginn airson a leithid.

Thachair an teine sin an dèidh teine fiù 's nas motha air Mòinteach Dhamhàth an-uiridh.

Bruach air Àird na Saighde ann an Dùn Èideann air fhàgail dubh an dèidh teine fiadhaich, agus togalaichean air a bheulaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Ariane Burgess BPA gun do dhùisg na teintean a bh' ann as t-samhradh muinntir na h-Alba gu tuigse gum faodadh e tachairt air an stairsich

'S e an fhreagairt, a rèir Ms Burgess, barrachd mhaoineachaidh agus co-obrachadh nas fheàrr, a thuilleadh air a bhith ag "ath-fhliuchadh" cruth na tìre.

"Chan fhaod e a bhith a' toirt còig seachdainnean teine a mhùchadh," thuirt i.

"Tha dragh mòr orm mun bhuaidh air slàinte an fheadhainn a bha an sàs san iomairt.

"Ach feumaidh sinn cuideachd bacadh a chur air teintean sa chiad dol a-mach, agus 's e an dòigh san dèan sinn sin, cruthan-tìre fallain, air an ath-dhealbhachadh, air an ath-fhliuchadh.

"Feumaidh sinn a h-uile duine a thoirt mun bhòrd oir tha beagan eas-aonta ann a thaobh mar a thachras sin."

A rèir fheadhainn a th' air cùl iomairtean ath-fhiadhachaidh, seasaidh cruth-tìre sa bheil barrachd beatha nàdarra agus barrachd uisge nas fheàrr ri teintean, a' fàgail nach bi cunnart cho mòr ann bhuapa.

Ach tha teagamh air cuid eile gum fàg ath-fhiadhachadh gum bi barrachd chunnairt ann ri linn 's gu bheil barrachd chonnaidh ri losgadh nan tachradh teine, mar a thachair ann an Gleann Ruasaidh ann an Eilean Arainn an-uiridh, a thachair ann an sgìre far an deach beathaichean ionaltraidh a chasg airson deich bliadhna gus am fàsadh craobhan agus fraoch gu nàdarra.

Am measg na tha le beachd eile, tha tuathanaich, a tha ag ràdh gu bheil cleachdaidhean traidiseanta leithid fhalaisgearan a' cuideachadh le bhith a' toirt air falbh na tha de chonnadh mu choinneimh teine fhiadhaich.

"Tha e fada nas fhèarr bacadh a chur air teine sa chiad àite na feuchainn ri chur às nuair a thòisicheas e," thuirt Raibeart Dòmhnallach o NFU na h-Alba.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine a' tighinn timcheall chun na dòigh smaoineachaidh a th' againn.

"Tha na teintean a' dol a thachairt.

"Feumaidh sinn nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus nuair a thòisicheas iad, gu bheil iad nas fhasa an cur às."

Smàladair a' cur uisge air teine anns a' Mhonadh Ruaidh as t-samhradhTùs an deilbh, ÙGHDARRAS PÀIRCE NÀISEANTA A' MHONAIDH RUAIDH

Thuirt Ms Burgess gun do dhùisg na teintean a bh' ann as t-samhradh - gach cuid anns a' Mhonadh Ruadh, agus cuideachd air Àird na Saighde ann an Dùn Èideann, muinntir na dùthcha dhan trioblaid.

"Thachair e ann an sgìre far am bi mòran a' dol air saor-làithean, agus thàinig e gu math faisg air Drochaid Neithich - agus chaidh e air adhart airson grunn seachdainnean.

"Chan urrainn dhuinn sin fhaicinn a-rithist.

"Aig a' cheart àm 's a bha an teine sin ann, bha teine eile air Àird na Saighde ann an Dùn Èideann, agus tha mi gu mòr den bheachd, ged a bha sin uabhasach, gun do dhùisg e daoine sna bailtean mòra, 's gun do thuig iadsan gum faodadh e tachairt air an stairsich."