Naidheachdan 11:00m

Graham Dott

Chaidh Graham Dott, a bha uair na chluicheadair snucair, a chur dhan phrìosan an-diugh fo bhinn seachd bliadhna. Bha Dott, a tha 49, air fhaighinn ciontach air a' mhìos a chaidh de ghrunn chasaidean de dhroch-dhìol feiseil air balach agus nighean. Bhuannaich Dott Farpais Snucair na Cruinne ann an 2006, ach às dèidh fhaighinn ciontach san àrd-chùirt ann an Glaschu air a' mhìos a chaidh, chaidh a chasg bhon spòrs.

Andy Burnham

Tha fear de na h-aonaidhean ciùird as motha ann am Breatainn, Unite, air moladh dhan Phrìomhaire gun cur às dhan "tripple lock" a tha a' cumail ìre peinnsean na stàite an ìre mhath àrd. Air thoiseach air òraid Andy Burnham ri co-labhairt nan Làbarach an-diugh, tha bruidhinn ann gur dòcha gun tèid cur às dhan sin, a rèir na chanas Mgr Burnham, mar dhòigh air airgead a shàbhaladh airson a chosg air cùram sòisealta ann an Sasainn. Tha Unite ag ràdh gum biodh sin a' dìoladh air a' Phàrtaidh Làbarach aig àm taghaidh. Tha dùil cuideachd ri planaichean bho Mhgr Burnham airson buidheann ùr a bhiodh os cionn leasachadh air a' Ghriod Nàiseanta dealain.

RAF Fairford

Tha na poilis fhathast a' rannsachadh mar a thachair aig RAF Fairford ann an Gloucestershire air an deireadh-sheachdain, far an deach còignear a chur an grèim fo amharas a bhith ri cuilbheirt gus ionnsaigh cheannairc a dhèanamh. Chaidh an còignear aca a shaoradh air urras, ged a thuirt Rùnaire Stàite nan Stàitean Aonaichte, Marco Rubio, gun robh e "follaiseach" gun robh dùthaich chèin an sàs anns a' chùis. Tha feachd adhair Aimeireaga ag obair a-mach à RAF Fairford.

Sgoil Sir E Scott

Chan eil adhartas gu leòr fhathast air a thighinn air Sgoil Sir E Scott anns na Hearadh, a rèir Luchd-Sgrùdaidh nan Sgoiltean. Bha iad air tilleadh chun na sgoile às dèidh mar a fhuair sgrùdadh ron seo nach robh cuid de dh'obair na sgoile aig an ìre a bhiodh a dhìth. Dh'innis iad do phàrantan an-diugh gum bi iad air ais taobh a-staigh bliadhna airson sgrùdaidh eile, 's gum bi iad a' bruidhinn ri Comhairle nan Eilean Siar mu na tha a dhìth.

Sgoil Dhruimein

'S tha Luchd-Sgrùdaidh nan Sgoiltean a-rithist air uireasbhaidhean a thogail aig sgoil shònraichte ann an Inbhir Nis, Sgoil Dhruimein. A-rithist thuirt iad nach deach adhartas gu leòr a dhèanamh bhon sgrùdadh mu dheireadh a rinneadh ann, agus gun till iad dhan sgoil a-rithist taobh a-staigh trì mìosan. Na bu thràithe air a' bhliadhna choinnich pàrantan Sgoil Dhruimein ri Rùnaire an Fhoghlaim gus na draghan a bh' orra mu ghainnead luchd-obrach agus sunnd nan sgoilearan a thogail leatha.

Taighean Ùra

Tha an àireamh thaighean ùra a tha gan togail an Alba air tuiteam a-rithist. Bha an àireamh thaighean is fhlataichean a bh' air an crìochnachadh an Alba anns a' bhliadhna chun an Ògmhios aig an ìre as ìsle bho 2015 - nas lugha fiù 's na aig àm a' ghlasaidh airson Covid. Bha cuideachd an àireamh dhachannan ùra air an deach obair a thòiseachadh aig an ìre as ìsle ann an 13 bliadhna. Thuirt Rùnaire an Taigheadais, Shirley-Anne Somerville, gun robh adhartas air a bhith ann le dachaighean air prìs reusanta ach gun robh an tuilleadh a dhìth.