Cead a-niste a dhìth falaisgear a chur

Fear a' cumail smachd air falaisgear Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Feumar bho seo a-mach cead airson falaisgear a chur ann an Alba.

Tha còd ùr an sàs, fo stiùir NàdarAlba, agus feumaidh croitearan, tuathanaich is oighreachdan dhan toir a' bhuidheann cead cumail ri stiùireadh a thaobh mar a bu chòir an obair a dhèanamh.

Thàinig an siostam ùr a-steach ri linn Achd na Fiadh-bheatha 's nam Falaisgearan, a chaidh a chur troimhe aig Holyrood ann an 2024.

Cuirear falaisgear - teine a chuirear a dh'aona-ghnothaich fo smachd - airson seann fheur agus fraoch a losgadh ann an earrainnean de thalamh mhonaidh.

Cuiridh sin às do chonnadh a dh'fhaodadh a bhith ag adhbharachadh teintean fiadhaich, agus leigidh e le feur agus fraoch ùr fàs.

Tha sin cudromach gach cuid do dh'ionaltradh, agus cuideachd do dh'eòin leithid na circe-fraoiche a tha gan àrach air oighreachdan airson seilge.

Tha luchd-glèidhteachais air dragh a thogail o chionn ùine gu bheil falaisgearan a' cur bacadh air àrainnean nàdarra, mun bhuaidh a bheir iad air fiadh-bheatha, agus gu bheil an cleachdadh a' sgaoileadh càrboin dhan àile.

Tha buidhnean leithid Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach (NFU) agus Fearann is Oighreachdan na h-Alba, draghail mun t-siostam cheadachaidh ùr ge-tà, gu h-àraid an dèidh nan droch theintean fiadhaich a th' air a bhith ann.

Thathas a' faicinn fhalaisgearan mar dhòigh air fearann ullachadh gus nach sgap teintean fiadhaich cho farsainn, le bhith a' toirt air falbh cuid den chonnadh.

'S e gu bheil tuathanaich a' coimhead ris mar rud as aithne dhaibh glè mhath mar thà, ge-tà, as motha a tha a' cur dragh air tuathanaich, 's aca a-niste ri dhol air cùrsa.

"Tha e a' cur còd air gnothaichean a tha daoine a' dèanamh co-dhiù agus a' toirt orra a dhol air cùrsaichean airson ionnsachadh rudan a tha fhios aca agus a bha iad a' dèanamh o chionn bhliadhnaichean," thuirt Raibeart Dòmhnallach bhon NFU.

"Chan eil iad a' faicinn an adhbhair carson 's dòcha gu bheil aca ri dhol air cùrsa.

"Tha an t-aonadh dha-rìribh ag iarraidh stad a chur air agus coimhead a-rithist air 's a dhèanamh nas fhasa do dhaoine a dhèanamh."

Raibeart Dòmhnallach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Raibeart Dòmhnallach am measg na tha e a' togail cheistean mun chòd ùr

Thuirt NàdarAlba gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil daoine ann le eòlas mòr air falaisgearan, ach gu bheil na cùrsaichean mar dhòigh air dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile duine a tha ris ann an Alba aig an aon ìre.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil cuid nach iarradh cur airson cead, gu bheil an siostam ro thoinnte," thuirt Chris Dailly, bho NàdarAlba.

"Chan fhaighear timcheall air gum feumar cead airson falaisgear a chur. Sin an lagh.

"Ach tha sinn air obrachadh gu math cruaidh airson an siostam iarrtais a dhèanamh cho sìmplidh 's a ghabhas do dhaoine, agus tha stiùireadh sgrìobhte agus bhideo air an làraich-lìn againn."

Monadh an ceann a deas na h-Alba air an deach falaisgearan a chur roimheTùs an deilbh, Getty Images

Tha dragh ann cuideachd mun ùine a tha e a' toirt do NàdarAlba dèiligeadh ri iarrtasan - le 22 iarrtas a-staigh an-dràsta, gun ach 12 air an cur a-mach.

"Tha dragh oirnne gu h-àraid mun mhaill ann a bhith a' toirt seachad nan ceadan," thuirt Ross Ewing, aig Fearann is Oighreachdan na h-Alba.

"'S e na dh'iarramaid fhaicinn bho NàdarAlba ach gum biodh iad a' làimhseachadh nan iarrtasan airson talamh neo-mhònaich nas luaithe.

"Tuigidh sinn gun toir e beagan nas fhaide coimhead ri cùisean air talamh mònach, ach bu chòir don chòrr a bhith cus nas luaithe."

Tha NàdarAlba ag ràdh gun toir e mu cheithir seachdainnean aig an ìre seo dhaibh dèiligeadh ri iarrtas, ach gu bheil dùil gum bi cùisean nas luaithe nuair a dh'fhàsas iad cleachdte ris.

Thuirt Mgr Dailly gun coimhead a' bhuidheann ri mar a chaidh dhan t-siostam ùr deireadh an t-seusain, agus gu bheil iad ann an conaltradh gu cunbhalach le buidhnean aig a bheil ùidh sa chùis.