Sgrùdadh ga iarraidh mu uidheamachd na seirbheis smàlaidh

- Air fhoillseachadh
Dh'iarr Ball-Pàrlamaid Albannach gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba a' ceannach uidheamachd, agus e air tighinn am follais gun bheil ochd carbadan a chaidh òrdachadh ann an 2023 fhathast gun a dhol ann an seirbheis.
Dh'iarr am ball Tòraidheach airson Ear-Thuath na h-Alba, Liam Kerr, rannsachadh mun t-suidheachadh agus droch theine air a bhith a' gabhail cha mhòr trì seachdainnean ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
Thog daoine a tha a' fuireach faisg air an Aghaidh Mhòir far a bheil teine air a bhith a' gabhail ceist co-dhiù bha uidheamachd gu leòr agus freagarrach aig an t-seirbheis smàlaidh 's iongnadh orra mu cho fada 's a bha e a' toirt smachd fhaighinn air.
Tha an teine a-niste air a bhith a' gabhail cha mhòr trì seachdainnean.
Thuirt an t-seirbheis gun robh ge-tà, a h-uile càil a bha a dhìth aig an luchd-smàlaidh, agus dhiùlt Riaghaltas na h-Alba tabhartas bhon Arm cuideachadh a thoirt seachad dhan iomairt.
Chaidh na h-ochd carbadan òrdachadh air cosgais cha mhòr £1m ann an 2023, ach chan eil iad rim faighinn do sgiobannan smàlaidh fhathast.
Bhon uair sin tha grunn droch theintean fiadhaich air a bhith ann air Ghàidhealtachd - air Mòinteach Dhamhath, aig Canaich agus an teine as ùire anns a' Mhonadh Ruadh - gun iad a bhith ri fhaotainn.

Dh'iarr Mgr Kerr gun deadh sgrùdadh a dhèanamh air an t-suidheachadh
'S iad carbadan pickup a th' anns an fheadhainn a chaidh òrdachadh, le pumpaichean uisge air bòrd.
"Tha e deatamach gum bi uiread de ghoireasan rim faighinn don t-seirbheis smàlaidh is teasairginn 's a ghabhas, mu choinneimh nan teintean uabhasach a chunnacas sa Mhonadh Ruadh o chionn ghoirid," thuirt Mgr Kerr.
"Ach 's e na tha mise air faighinn a-mach, nach robh cùis ghnothachais ann airson a' phròiseis cheannaich; chan eil mionaidean ann bhon choinneimh san deach na h-innealan ùra aontachadh; agus is coltach gun deach na h-ochd innealan seo gu lèir air ais dhan chompanaidh a rinn iad airson tuilleadh atharrachaidhean orra.
"Mar sin tha dragh mòr orm, agus 's a' togail ceist co-dhiù bu chòir dhan Àrd-Neach-Sgrùdaidh coimhead ris.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba nach b' e carbadan sònraichte a bh' anns na h-innealan seo airson dèiligeadh ri teintean monaidh, ged a dh'aidich iad gun robh iad air a bhith gu feum.
Choirich iad na companaidhean às an do cheannaich iad na h-uidheaman airson an dàil a th' air a bhith ann an cur ann an seirbheis, agus iad ag ràdh gun robh tàire aca pàirtean a bha a dhìth orra fhaighinn.
Thuirt iad ge-tà, gum bi na carbadan seo ann an seirbheis aca anns na mìosan ri thighinn.
A thaobh an sgrùdaidh a dh'iarr Mgr Kerr, thuirt an t-seirbheis gu bheil iad mar-thà ag obair leis an Àrd-Neach-Sgrùdaidh a choimhead air mar a thathas a' làimhseachadh leithid ceannach uidheamachd, agus gu bheil dùil aca aithisg fhoillseachadh air seo co-dhiù anns a' Mhàrt an ath-bhliadhna.
Fèis Chiùil
Tha sia carbadan smàlaidh agus mu 30 smàladair fhathast an làthair a' dèiligeadh ri badan far a bheil gabhail teine fhathast anns an sgìre faisg air an Aghaidh Mhòir.
Chaidh sgrios a dhèanamh air mu 10 mìle cheàrnagach de dh'fhearann bho thòisich an teine ann am Bealach Ruighe a' Bhothain air a' 15mh là den Iuchar.
Dh'innis Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh gun tug an t-seirbheis smàlaidh cead airson fèis chiùil Refuel a bhith a' dol air adhart aig Ionad Bhad a' Ghiuthais, a tha am broinn sgìre bhacaidh a thathas a-niste a' lùghachadh, a-màireach.
Thuirt an t-Ùghdarras gum biodh geata-sgrùdaidh air an rathad aig Drochaid na Cuingleum, 's gum feum daoine aig a bheil ticeadan no a tha ag obair aig an fhèis sealltainn ticeadan no ceadan a thaisbeanadh airson faighinn troimhe.
Tha an sgìre nas fharsainne timcheall air Loch Mòrlaich agus an Gleann Mòr fhathast dùinte.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Iuchar

- Air fhoillseachadh23 An t-Iuchar
