Dh'fhaodadh gun togadh cìs turasachd air a' Ghàidhealtachd £9.5m sa bhliadhna

Chuala coinneamh gun robhas air a bhith a' bruidhinn mu chìs luchd-turais air a' Ghàidhealtachd airson grunn bhliadhnaichean
- Air fhoillseachadh
Thèid co-chomhairle a dhèanamh air plana 'son cìs air luchd-turais a thoirt a-steach an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd a dh'fhaodadh na milleanan notaichean a thogail airson leasachadh bun-structair.
Tha oifigich a' moladh cìs £5 airson gach seòmair san oidhche ann an taighean-òsta, taighean-aoigheachd agus àitichean-còmhnaidh air màl ghoirid.
Phàigheadh daoine a tha a' fuireach ann an ostailean neo làraichean-campachaidh £2 gach oidhche.
Chuala coinneamh den làn-chomhairle an Inbhir Nis gun robh seachd bliadhna ann on thòisich an deasbad mu chìs turasachd.
Chaidh innse do na buill gum faodadh cìs stèidhichte timcheall air £9.5m a thogail sa bhliadhna.
Fo na planaichean, bhiodh aig luchd-tadhail ris a' chìs a phàigheadh fad na bliadhna ach san Dùbhlachd, am Faoilleach agus an Gearran.
Chumadh luchd-aoigheachd 5% den chìs airson cosgaisean rianachd a phàigheadh.
Tha faisg air 9.4 millean duine a' tadhal air a' Ghàidhealtachd gach bliadhna a rèir rannsachaidh.

Dh'fhaodadh gun togadh cìs turasachd airgead mòr airson leasachadh bun-structair
Thuirt ceannard na comhairle, comhairliche an SNP Reamonn Bremner, gun robh "a' chuid as motha" de dhaoine air a' Ghàidhealtachd taiceil ri cìs, agus chuir e air adhart moladh airson taic a chur ri co-chomhairle phoblach.
Thuirt comhairliche Pàrtaidh Uaine na h-Alba, Chris Ballance, gum faodadh gun togadh a' chìs airgead air an robh cruaidh fheum airson taigheadais shòisealta, ach nochd e dragh gum biodh a' chìs na bu duilghe do theaghlaichean nas miosa dheth air thuras dhan Ghàidhealtachd, seach daoine le airgead gu leòr airson àite-còmhnaidh aig àrd-ìre.
Bha atharrachadh aig na buill Lib Deamach agus iad ag iarraidh gum biodh e soilleir nach biodh aig luchd-còmhnaidh na Gàidhealtachd a' chìs a phàigheadh.
Bhiodh e a' ciallachadh, thuirt iad, nach biodh aig daoine ri airgead fhaighinn air ais bho NHS na Gàidhealtachd nan robh aca ri a dhol a dh'Inbhir Nis airson cùram ospadail.
Bha comhairlichean Tòraidheach air atharrachadh a chur air adhart ag iarraidh maill a chur air a' chonaltradh phoblach gus am bi toradh measadh eaconoamach air fhoillseachadh.
Cha d' fhuair na h-atharrachaidhean taic gu leòr agus bhòt comhairlichean airson a' mholaidh.
Cìs turasachd £5 san oidhche ga mholadh air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Maill air a' phlana 'son cìs air luchd-turais sna h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh18 An t-Ògmhios 2025
Comhairlichean a' beachdachadh air cìs luchd-turais an Earra-Ghàidheal is Bòd
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios
Ron choinneimh, thuirt Comann Taighean-Òsta na Gàidhealtachd gun robh cìs £5 ro àrd agus mhol iad a stèidheachadh aig £3.
Thuirt iad gun do sheall an dàta aca fhèin gun tàinig lùghdachadh 10% air na tha de dhaoine ag iarraidh seòmraichean as t-samhradh, ach gun robh na cosgaisean aca air èirigh aig a' cheart àm.
Tha cead air a bhith aig comhairlean an Alba bho 2024 a' chìs turasachd a stèidheachadh.
Chaidh a cur an sàs ann an Dùn Èideann ann an 2025. Thèid cìs 5% cuideachd a chur an gnìomh an Glaschu bho thoiseach na h-ath-bhliadhna, agus thig cìs 7% a-steach an Obar Dheathain sa Ghiblean 2027 aig a' char as tràithe.
Chaidh co-chomhairle phoblach a chumail mu mholaidhean cìs luchd-turais a thoirt a-steach an sgìre Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Chaidh maill a chur air na molaidhean air a son sna h-Eileanan an Iar.
Tha na Crìochan, Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh, Arcaibh agus Sealtainn air a dhol an aghaidh mholaidhean airson cìs luchd-turais.