Ionad ath-shlànachaidh ùr an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Dh'fhosgail ionad ath-shlànachaidh ùr ann an Inbhir Nis gu h-oifigeil.
Thadhal Ministear Poileasaidh Dhrugaichean is Deoch-làidir, Maree Todd air Taigh Neibhis feasgar Diardaoin.
Tha Taigh Nibheis air a ruith le CrossReach, carthannas le Eaglais na h-Alba.
Tha ionad aca mar tha ann an Inbhir Nis airson taic a chur ri daoine a tha a' feuchainn ri an cùl a chur ri deoch-làidir is drugaichean air a bheil Taigh Beechwood.
Tha an goireas sin a' toirt taic do suas ri 15 duine aig aon àm. Tha prògram coimhearsnachd aca agus bidh iad cuideachd a' toirt taic shòisealta do dhaoine a tha an eisimeil dhrugaichean is deoch-làidir.
Tha sia leapanan sa ghoireas ùr agus bidh e fosgailte do dhaoine a tha a' fuireach air Ghàidhealtachd, agus anns na h-Eileanan an Iar agus a Tuath.
Bidh an fheadhainn a bhios ann air cùrsa ath-ghnàthachaidh a mhaireas 14 seachdainnean.
Chuir Riaghaltas na h-Alba £2.4m ris an leasachadh.
Thuirt Maree Todd gu bheil a bhith a' leudachadh goireasan ath-shlànachaidh far am faigh daoine cothrom a bhith a' fuireach far a bheil na seirbheisean gan tabhann aig cridhe misean nàiseanta Riaghaltais na h-Alba air drugaichean.