Naidheachdan 11:00m

Iran

Thuirt Sìona nach dèan na casg-bhannan ùra a tha na Stàitean Aonaichte a' maoidheadh air dùthchannan a leanas orra a' malairt ri Iran ach tuilleadh mì-chinnt eaconomach air feadh an t-saoghail. Thuirt an Ceann-Suidhe Trump an-raoir gum fàg na smachd-bhannan dùthchannan aig a bheil càirdeas malairt ri Tehran air taobh a-muigh siostam ionmhais na Cruinne.

Locarbaidh

Dh'aontaich britheamh anns na Stàitean Aonaichte maill a chur airson an treas turas air cùis-lagha duine à Libia a tha fo chasaid gur e a thog boma a rinn spreadhadh Locarbaidh bho chionn 37 bliadhna. Tha luchd-lagha do dh'Abu Agila Mohammad Kheir Al-Marimi ag ràdh gun tàinig fianais ùr am follais an t-seachdain seo chaidh. Chaidh 259 duine air an itealan a mharbhadh, agus 11 air a' ghrunnd nuair a spreadhadh Pan Am Flight 103 san Dùbhlachd ann an 1988.

Eucoir

Bha àrdachadh 5% sna chaidh a chlàradh de dh'eucoir an Alba air a' bhliadhna a chaidh seachad. Chaidh còrr is 500,000 eucoir a chlàradh aig na Poilis a rèir nam figearan as ùire bho Riaghaltas na h-Alba. Bha an t-àrdachadh as motha ann an eucoirean feiseil agus foill.

Cìs Thurasachd

Tha ceannard buidheann nan Tòraidheach air Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh maill sa phlana airson cìs turasachd gus am bi rannsachadh ann air a' bhuaidh eaconomaich. Tha an Làn-Chomhairle a' coinneachadh an-diugh a bhruidhinn air cìs £5 gach oidhche ann an seòmraichean aoigheachd. Ach tha an Comh. Ruairidh Stiùbhart ag ràdh gu bheil rannsachadh a rinn Institut Fraser of Allander dhan Chomhairle a' sealltainn gun toireadh a' chìs droch bhuaidh air teachd-a-steach bho thurasachd.

Mohamed Al-Fayed

Chuir Poilis a' Mhet faidhle eile fianais gu Seirbheis Chasaid a' Chrùin mu dhuine na 80an mar phàirt de rannsachadh mu chasaidean gun robh Mohamed Al-Fayed, dham buineadh Harrods, ri ionnsaighean feiseil. Cha deach casaidean foirmeil riamh air Mohamed Al-Fayed, a chaochaill bho chionn trì bliadhna nuair a bha e 94 bliadhna de dh'aois.

Ospadal an Dr Gray

Tadhlaidh Rùnaire na Slàinte, Angela Constance, air Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn an-diugh, 's tha dùil gun coinnich i ri àrd-oifigeach NHS Roinn a' Mhonaidh. Tha stad rè ùine air obair-lannsa chloinne aig an ospadal an dèidh do luchd-sgrùdaidh dragh a thogail mu chùram agus slàinte.