Aimhreit mu chù a' cur buidheann coimhearsnachd an Leòdhas an cunnart

Togalach le ramp airson daoine cioramach agus feansa fiodha a-muigh. Tha soidhne air a' bhalla air a bheil Bernera Community Centre.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Claire Kellerman a' cumail a-mach gun deach cead a dhiùltadh dhi an cù aice a thoirt a-steach don chafaidh an Talla Coimhearsnachd Bheàrnaraigh

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gum bi buidheann coimhearsnachd ann an Leòdhas ann an staing airgid ri linn aimhreit mu a bhith a' leigeil le coin a bhith sa chafaidh aca.

Tha Comann Coimhearsnachd Bheàrnaraigh a-nise a' togail airgid airson nan cosgaisean laghail aca an dèidh do bhan-Aimeireaganach an toirt gu lagh.

Tha Claire Kellerman a' cumail a-mach gun deach leth-bhreith a dhèanamh oirre leis nach deach leigeil leatha an cù aice a thoirt a-steach dhan cafaidh an Talla Coimhearsnachd Bheàrnaraigh th' air a ruith leis a' chomann.

Thathar a' tuigsinn gun d' fhuair i taic laghail airson na cùise-lagha a thog i nan aghaidh.

Tha BPA nan Eilean Siar, Dòmhnall MacFhionghain, ag iarraidh gum bi àth-sgrùdadh air a' chùis agus ceist air mu bhith a' cleachdadh airgead poblach air a son.

Thuirt neach-labhairt Bòrd Taic Laghail na h-Alba gum bi iad a' cumail taic ri tagraidhean a rèir nan riaghailtean aca, agus gur e obair nan cùirtean breithneachadh air cùisean.

Ann am brath, dhearbh Comann Coimhearsnachd Bheàrnaraigh gun deach cùis-lagha a thogail nan aghaidh, ach thuirt iad nach biodh e iomachaidh an còrr a ràdh aig an ìre seo mu na casaidean.

Tha an cathrannas, a chaidh a stèidheachadh ann an 1973, a' togail airgid airson na chosgas iad dìon a chur orra fhèin sa chùirt, a dh'fhaodadh a bhith cho àrd ri £10,000.

Chaidh a' chùis-lagha beò air beulaibh Cùirt an t-Siorraidh an Steòrnabhagh an t-seachdain a chaidh, agus tha dùil ri èisteachd eile ro dheireadh na bliadhna