Fireannach marbh às dèidh tubaist air an A82

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Poileas Alba gun do chaill fireannach a bheatha ann an tubaist rathaid faisg air Drochaid an Aonachain Diluain.
Thachair an tubaist air an A82 goirid an dèidh meadhan-là aig Gleann Glaoidh.
Bha ceithir charbadan an lùib na tubaist - làraidh, Hyundai i10, Ranger Rover Sport agus Skoda Karoq.
Chaidh na seirbheisean-èiginn a ghairm agus bhàsaich draibhear an Ranger Rover, fireannach aois 63, aig an làraich.
Chaidh innse dha theaghlach.
Chaidh boireannach, 62, a bha a' siubhal còmhla ris a sgèith dhan ospadal.
Cha robh duine sam bith a bh' anns na carbadan eile feumach air cùram ospadail.
Bha an rathad dùinte grunn uairean a shìde ach chaidh fhosgladh a-rithist mu 10:45f Diluain.
Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic na thachair no aig a bheil clàraidhean dashcam, fios a chur thuca.
An Todhar
Tha na poilis cuideachd a' sireadh fiosrachaidh às dèidh dhroch thubaist faisg air an Todhar Là na Sàbaid.
Aig mu 9:40f, chaidh Lexus dubh a lorg ann an achadh ri taobh rathad an A832 a tha a' dol eadar Cromba agus Geàrrloch.
Chaidh an draibhear, fireannach aois 17, a thoirt gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain agus e air a dhroch leòn.
Bha an rathad dùinte tron oidhche fhad 's a bha rannachadh ga dhèanamh agus chaidh fhosgladh a-rithist mu 07:20m Diluain.
Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an Lexus mus deach e far an rathaid, no aig a bheil clàraidhean dashcam, fios a chur thuca.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
