Na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist faisg air an Todhar

- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh dhroch thubaist faisg air an Todhar Là na Sàbaid an 5mh den Iuchar.
Aig mu 9:40f, chaidh Lexus dubh a lorg ann an achadh ri taobh rathad an A832 a tha a' dol eadar Cromba agus Geàrrloch.
Chaidh an draibhear, fireannach aois 17, a thoirt gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain agus e air a dhroch leòn.
Bha an rathad dùinte tron oidhche fhad 's a bha rannachadh ga dhèanamh agus chaidh fhosgladh a-rithist mu 07:20m Diluain an 6mh den Iuchar.
Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an Lexus mus deach e far an rathaid, no aig a bheil clàraidhean dashcam, fios a chur thuca.
Aig a' cheart àm, tha an A82 dùinte air gach taobh aig Drochaid an Aonachain, trì mìle tuath air a' cheann-rathaid leis an A86.
Chaidh na Poilis a ghairm gu tubaist mu 12:05f Diluain an 6mh den Iuchar.
Thathas an iarraidh air draibhearan an sgìre a sheachnadh.