Cìs turasachd air a' Ghàidhealtachd gu bhith fon phrosbaig

Port Rìgh. Baile an cois a' chladaich le craobhan agus beanntan fada às. Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar a' moladh suas ri £5 a barrachd iarraidh air luchd-turais airson gach oidhche a chuireas iad seachd san àite-chòmhnaidh aca

  • Air fhoillseachadh

Bidh coinneamh shònraichte aig comhairlichean Gàidhealach an ath-sheachdain airson beachdachadh air an sgeama a thathar a' moladh airson cìs iarraidh air luchd-tadhail a thig dhan sgìre.

Cha tèid iarraidh orra aontachadh ri cìs turasachd a thoirt a-steach aig an ìre seo, ach coimhead air aithisg, taobh a-muigh a chaidh a dhealbh an dèidh bruidhinn ri gnìomhachasan turasachd agus buidhnean eile.

Tha cead air a bhith aig comhairlean an Alba bho 2024 a' chìs turasachd a stèidheachadh.

Chaidh a cur an sàs ann an Dùn Èideann ann an 2025. Chaidh co-chomhairlean poblach a chumail mu mholaidhean cìs luchd-turais a thoirt a-steach air a' Ghàidhealtachd agus an sgìre Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Chaidh maill a chur air na molaidhean air a son sna h-Eileanan an Iar.

Air a' Ghàidhealtachd, thathar a' moladh chìsean dìreach seach suim sa cheud airson àitichean-còmhnaidh:

  • cìs £5 air gach seòmar/làrach gach oidhche ann an taighean-òsta, taighean-aoigheachd agus àitichean-còmhnaidh air màl ghoirid

  • cìs £2 air gach seòmar/làrach gach oidhche airson ostailean agus làraichean-campachaidh

Ma chuireas comhairlichean an taic ris, bhiodh co-chomhairle phoblach fad 12 seachdain ann.

Ma thèid gabhail ris, thathar a' moladh a' chìs turasachd a stèidheachadh fad na bliadhna ach san Dùbhlachd, am Faoilleach agus an Gearran.

Bhiodh gnothachasan aoigheachd a' cumail 5% den chìs dhaibh fhèin airson an cuideachadh le cosgaisean rianachd.

Tha Neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban, ag radh gu bheil turasachd "a' cur gu mòr ris an eaconamaidh, coimhearsnachdan agus cultar againn".

"Aig a' cheart àm, tha an àireamh luchd-tadhail a tha a' sìor èirigh a' cur uallaich a bharrachd air goireasan ionadail, bun-structar agus seirbheisean.

"Dh'fhaodadh gun togadh cìs luchd-tadhail ionmhas ùr dhuinn airson a chosg air na làraichean as motha a tha a' tàladh dhaoine."

Bidh a' choinneamh shònraichte air a cumail Dimàirt a' 25mh den Lùnastal.