Thèid coimhead ri smachd air màl ghoirid ann an Inbhir Nis

Tha dragh gu h-àraid mun bhuaidh a tha màl goirid a' toirt air cuid de sgìrean den bhaile
- Air fhoillseachadh
Thèid beachdachadh air smachd a chur air àiteachan-aoigheachd air màl ghoirid ann an sgìre Inbhir Nis agus dragh ann mun bhuaidh a tha iad a' toirt air coimhearsnachdan.
Chuala comhairlichean air Comataidh Sgìre Inbhir Nis gu bheil na tha de dhachannan gan cur a-mach air màl ghoirid a' cur ris a' chuideam a tha mar thà a' toirt buaidh air margaidh thaighean na sgìre.
Chaidh iarraidh air comhairlichean air a' mhìos a chaidh coimhead ris a' chùis, agus dragh ann nach eil gu leòr àiteachan-fuirich rim faotainn air màl fhada airson daoine a bhith a' fuireach annta san ùine-fhada.
'S e am moladh a bha air am beulaibh dà sgìre smachdachaidh fa-leth, tè dhan bhaile is tè dha na sgìrean dùthchail mun cuairt.
Tha dragh gu sònraichte mun t-suidheachadh ann an Inbhir Nis fhèin, agus cuideachd ann an Uàrd na h-Àirde agus Loch Nis.
Tha grunn sgìrean eile air a' Ghàidhealtachd a' coimhead air an dearbh rud a dhèanamh, an t-Eilean Sgitheanach agus Taobh Siar Rois nam measg.
Dh'aontaich buill Diciadain gum bu chòir pròiseas a thòiseachadh airson coimhead ri sgìrean smachdachaidh ionadail a stèidheachadh.
Smachd air màl ghoirid san amharc a-nise an sgìre Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh23 An Dùbhlachd 2025
"Coltas ann" gu bheil sgìre-smachdachaidh Bhàideanach agus Srath Spè ag obair
- Air fhoillseachadh16 An Dùbhlachd 2025
Smachd air AirBnB is a leithid san Eilean Sgitheanach ceum nas fhaisge
- Air fhoillseachadh1 An Dùbhlachd 2025
Bhiodh sin a' ciallachadh gum feumte cead dealbhachaidh airson àiteachan ùr aoigheachd air leithid airbnb.
"'S e adhbhar dhragh mòr a th' ann nach fhaigh na saorannaich againne àiteachan-fuirich, agus nuair a tha e ga thogail tha taigheadas air prìs reusanta a' dol air màl ghoirid agus aoigheachd sa bhad nuair a tha daoine feumach air dachannan," thuirt an Comh. Mìcheal Gregson.
"'S e cnag na cùise a thaobh sgìre a' Chnuic agus an Crùn, a' bhuaidh a tha e a' toirt air caractar sgìre, far am faicear barrachd bhocsaichean iuchrach air sràid na dachannan.
"Tha an t-uabhas ghearainnean ann 's daoine ag innse do na comhairlichean aca gu bheil sgudal neo-iomchaidh a' càrnadh, duilgheadasan parcaidh.
"Tha seo a-niste air ìre a ruighinn far a bheil e ceart dhuinn coimhead ri sgìre smachdachaidh."