Muncaidh mu sgaoil bho phàirc fiadh-bheatha sa Mhonadh Ruadh

LukaTùs an deilbh, Comann Ainmh-eòlas Rìoghail na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh de Luka, am muncaidh a tha dhìth am Bàideanach

  • Air fhoillseachadh

Tha muncaidh air teicheadh bho phàirc fiadh-bheatha sa Ghàidhealtachd às an do theich muncaidh eile bho chionn dà bhliadhna.

Thuirt Comann Ainmh-eòlas Rìoghail na h-Alba (RZSS) gu bheil iad a' coimhead airson muncaidh air a bheil Luka, a chaidh a dhìth bho Phàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd ann an Ceann na Creige thairis air an oidhche.

Anns an Fhaoilleach 2024, theich muncaidh macaque eile bhon phàirc airson còrr air còig làithean, an dèidh dha a bhith a' sabaid le muncaidhean eile.

Chaidh Honshu a chur an grèim a-rithist nuair a chaidh fhaicinn ann an gàrradh faisg air làimh, mus deach a ghluasad gu Sù Dhùn Èideann airson "toiseach-tòiseachaidh ùr".

Thuirt Darren McGarry bhon RZSS: "Tha sinn a' dèanamh nas urrainn dhuinn gus lorg fhaighinn air a' mhacaque le bhith a' cleachdadh diofar innealan, nam measg dròn a nì dealbhadh tearmail.

"Ged nach eil am macaque cunnartach, 's e ar comhairle gun a dhol faisg air agus faodaidh daoine fios a chur thugainn air 07769165117 le fiosrachadh sam bith."