Ionad Muinntir Innse Gall sna Hearadh a' faighinn £8.25m

Ionad Muinntir Innse GallTùs an deilbh, Ionad Muinntir Innse Gall
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gum fosgail an t-ionad às ùr ann an 2028

  • Air fhoillseachadh

Tha Ionad Muinntir Innse Gall san Taobh Tuath sna Hearadh air £8.25m fhaighinn airson an togalach ath-leasachadh.

Fon phròiseact, thèid goireasan ùrachadh agus thèid tasglann sinnsireachd an ionaid a dhìon.

Thathar ag amas air an àite a dhèanamh nas tarraingiche do luchd-tadhail agus nas goireasaiche dhaibhsan a bhios ga chleachdadh airson adhbharan rannsachaidh.

Tòisichidh obair togail a dh'aithghearr agus tha dùil gum fosgail an t-ionad às ùr sa Ghiblean 2028.

Ionad Muinntir Innse GallTùs an deilbh, Ionad Muinntir Innse Gall
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhosgail an t-ionad, air an robh Seallam! roimhe, ann an 2000

'S ann bho cheithir diofar luchd-maoineachaidh a tha an t-airgead a' tighinn.

  • £4.34m bho Aonta Fàs nan Eilean, a tha air a mhaoineachadh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba agus a tha ga lìbhrigeadh ann an co-bhonn eadar Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh, agus Comhairle Shealtainn

  • £1.85m bho Mhaoin Chalpa an Ath-bheòthachaidh

  • £1.21m bho Mhaoin Dhualchais a' Chrannchuir Nàiseanta

  • £850,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Thuirt Rebecca Hutton, Cathraiche Urras Dualchais an Taobh Tuath: "'S e clach-mhìle air leth cudromach airson Ionad Muinntir Innse Gall a th' ann gu bheil am maoineachadh seo air a dhearbhadh.

"Às dèidh bhliadhnaichean de dh'obair, faodaidh sinn a-nis ceum air adhart a ghabhail.

"Tha sinn air leth taingeil dhan luchd-mhaoineachaidh agus cha bhiodh am pròiseact àrd-amasach a tha seo air a bhith comasach às an aonais.

"Tha barrachd na dìreach togalach an lùib an ath-leasachaidh seo", thuirt i.

"'S ann mu dheidhinn a bhith a' glèidheadh agus a' taisbeanadh sgeulachdan muinntir Innse Gall a tha e, agus a' cruthachadh chothroman airson nan ginealaichean a tha ri thighinn."

Thuirt an Comh Pòl Steele, Ceannard Comhairle nan Eilean Siar: "'S e maoineachadh cudromach a tha seo airson na Hearadh agus Innse Gall air fad, is e a' tighinn gu buil às dèidh bhliadhnaichean de dh'obair chruaidh bho Ionad Muinntir Innse Gall.

"'S e an dearbh seòrsa pròiseact a chaidh Aonta Fàs nan Eilean a chur air dòigh airson taic a chur ris, le buannachdan an dà chuid cultarail agus Eaconamach dha na h-eileanan."

Dùinidh an t-ionad air 20mh Lùnastal le dùil gun tòisich an obair-togail goirid às dèidh sin.

Thèid tachartas coimhearsnachd a chumail Dihaoine 28mh Lùnastal, a bheir cothrom do dhaoine a thighinn còmhla san ionad mus tèid an obair leasachaidh a dhèanamh.