Smachd air AirBnB is a leithid san Eilean Sgitheanach ceum nas fhaisge

- Air fhoillseachadh
Chuir comhairlichean an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair an taic ri plana a tha ag amas air cuingealachadh a thoirt air na tha de thaighean rim faotainn air mhàl ghoirid a-mhàin san sgìre.
Chuala a' chomataidh ionadail Diluain mu na duilgheadasan aig cuid dachaigh fhaighinn agus gun robh na bha de thaighean do luchd-turais tro chompanaidhean-màl leithid AirBnB a' fàgail cùisean nas duilghe buileach dhaibh.
Dh'innis Cathraiche na Comataidh, Iain Fionnlastan, don chomataidh gu bheil na figearan a' sealltainn gu bheil barrachd dàrna dachaighean agus taighean màl-goirid (STLs) aca an taca ri sgìrean eile.
Thuirt e: "San Eilean Sgitheanach agus Ratharsair tha 17% de thaighean a dh'fhaodadh a bhith nan dachaighean nan STLs, mòran nas àirde na an 5% air feadh na Gàidhealtachd air fad."
Smachd air màl goirid an trì sgìrean aig tuath fon phrosbaig
- Air fhoillseachadh3 An t-Samhain 2025
Tuilleadh sgrùdaidh feuch smachd fhaighinn air màl goirid an Loch Abar
- Air fhoillseachadh11 An t-Samhain 2025
15% de thaighean ùra Sgitheanach o 2020 airson màl ghoirid
- Air fhoillseachadh23 An Dàmhair 2025
A rèir aithisg a bh' air beulaibh na comataidh, "tha 15.5% de thaighean air ùr-thogail gan leigeil a-mach airson ùine ghoirid an taca ri 5% air a' Ghàidhealtachd air fad".
Thathar a' moladh sgìre-smachdachaidh a chur an sàs a bhiodh a' ciallachadh gum feumadh daoine cead-dealbhachaidh gus dachaigh a dhèanamh na àite-fuirich airson ùine ghoirid.
Dh'aontaich na comhairlichean gum bu chòir a dhol air adhart leis a' phlana agus beachdan a shireadh air.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt Chrissie NicIllÌosa gun toir am pròiseas ùine
A thuilleadh air Comataidh an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair, dh'aontaich comhairlichean ann an Cataibh cuideachd Diluain gluasad air adhart le pròiseas a dh'ionnsaigh sgìre-smachdachaidh a chur air dòigh.
Chaidh sgìre-smachdachaidh a stèidheachadh am Bàideanach 's Srath Spè ann an 2023 agus tha grunn sgìrean eile a' beachdachadh air riaghailtean nas cruaidhe a chur an sàs cuideachd.
Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd gun an sgìre air fad a dhèanamh na sòn-smachdachaidh ach an co-dhùnadh sin fhàgail aig comataidhean sgìreil fa leth.