Smachd air màl ghoirid san amharc a-nise an sgìre Inbhir Nis

Meadhan Inbhir Nis
LeEileen NicDhòmhnaill
BBC NaidheachdanAg aithris àInbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Thèid iarraidh air comhairlichean Inbhir Nis beachdachadh am bu chòir sgìrean-smachdachaidh air taighean air màl ghoirid a stèidheachadh sa bhaile agus ann sgìrean dùthchail faisg air làimh.

Ann am pàipear, taobh a-muigh a thèid air beulaibh Comataidh Inbhir Nis de Chomhairle na Gàidhealtachd tràth san Fhaoilleach, tha oifigearan ag ràdh gu bheil an suidheachadh mar a tha e an-dràsta a' cur cuideam air taigheadas san sgìre is gu bheil na th' ann de thaighean a tha a-mach air màl ghoirid a' toirt buaidh.

Thathar a' togail gu sònraichte air uallach air taigheadas ann an Inbhir Nis fhèin agus ann an Uard na h-Àirde is Loch Nis.

Chaidh sgìre-smachdachaidh a stèidheachadh ann am Bàideanach agus Srath Spè an-uiridh.

Tha e a' cialllachadh gum feum daoine cead-dealbhachaidh iarraidh airson taighean a chur a-mach air màl ghoirid.

Chan eil e a' toirt buaidh air taighean a tha mar-thà ri fhaighinn air màl ghoirid.

Tha grunn sgìrean eile air a' Ghàidhealtachd a' coimhead air an dearbh rud a dhèanamh, an t-Eilean Sgitheanach agus Taobh Siar Rois nam measg.

Thathar a-nise a' beachdachadh air ann an sgìre Inbhir Nis.

Tha am pàipear a thèid air beulaibh Comataidh a' Bhaile air an t-7mh den Fhaoilleach ag innse gu bheil mu 600 taigh air màl ghoirid ann an sgìre a' Chrùin agus taobh thall na h-aibhne aig Rathad Fairfield agus Sràid Greig.

Tha oifigich na comhairle ag ràdh gu bheil seo air buaidh mhòr a thoirt air daoine a dh'iarradh a bhith a' fuireach agus ag obair sa bhaile.

Chan e sin a-mhàin, tha iad ag radh gu bheil taighean na bu dhaoire ri linn agus tòrr dhiubh gan ceannach le daoine taobh a-muigh na Gàidhealtachd.

Tha an aithisg a' togail ge-tà, gu bheil buaidh a' ghnothaich diofraichte ann an Inbhir Nis an taca ri sgìrean dùthchail timcheall a' bhaile.

Thathar a' moladh mar sin gluasad air adhart le dà sgìre smachdachaidh fa-leth, tè dhan bhaile is tè dha na sgìrean dùthchail.

Bhiodh tè nan sgìrean dùthchail sa chiad dol a-mach stèidhichte air Sgìre na h-Àirde is Loch Nis, le cothrom a leudachadh gu sgìrean dùthchail eile faisg air làimh.

Thèid iarraidh air buill na comataidh na h-ath cheumanan a ghabhail sa phròiseas, anns am biodh cuideachd co-chomhairle phoblach.