"Coltas ann" gu bheil sgìre-smachdachaidh Bhàideanach agus Srath Spè ag obair

Baile nan GranndachTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Baile nan Granndach am measg nan àitichean anns a bheil an sgìre-smachdachaidh an sàs

LeEileen NicDhòmhnaill
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha còrr is bliadhna ann bho chaidh sgìre-smachdachaidh airson taighean air màl ghoirid a thoirt a-steach ann am Bàideanach agus Srath Spè.

Fon sgeama feumaidh daoine aig a bheil taighean dhen t-seòrsa cead-dealbhachaidh iarraidh.

'S ann mar oidhirp air fuasgladh dha dùbhlan maireannach a thaobh cion taigheadais san sgìre a chaidh an ceum a thoirt a-steach.

Tha seo air a bhith na dhùbhlan an dà chuid do dhaoine a tha a' fuireach is ag obair san sgìre agus do ghnothachasan.

Neach-obrach aig Quarch Technology a' coimhead tro mhicroscope
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Quarch Technology Ltd ag ràdh gu bheil taigheadas do luchd-obrach na dhùbhlan dhaibh

Tha mu 20 duine ag obair aig Quarch Technlology Ltd anns an Aghaidh Mhòir.

Tha stiùiriche na companaidh, Mike Dearman, ag ràdh gu bheil cion thaighean na dhuilgheadas dhaibh.

"Mar chompanaidh teicneòlais, tha sinn a' toirt a-steach tòrr luchd-ceumnachaidh," thuirt e.

"Leis nach eil mòran luchd-ceumnachaidh an seo bidh sinn gan toirt an seo bho àitichean eile san Rìoghachd Aonaichte.

"Tha a bhith a' lorg thaighean air màl no dachaighean do theaghlaichean gu math dùbhlanach.

"Tha e air buaidh mhòr a thoirt oirnn."

Mike Dearman ann an geansaidh dubh na shuidhe air beulaibh sgeilp
Fo-thiotal an deilbh,

Tha am fear-gnothachais, Mike Dearman, ag ràdh gu bheil dìth taigheadais na duilgheadas do dhaoine a thig ag obair dha

Ach tha cuid air atharrachadh fhaicinn bho thàinig an sgìre-smachdachaidh a-steach ann an 2024.

Tha a' chompanaidh Caledonia Estate Agency anns an Aghaidh Mhòir ag ràdh gu bheil iadsan a' faicinn buaidh anns a' mhargaidh.

Thuirt Darren McConnell bhon chompanaidh gun d' fhuair iad gun robh mu 65% dhe na taighean a bha iad a' reic ron sgìre-smachdachaidh a' dol gu daoine a bha airson an cleachdadh mar phrìomh dhachaigh.

Bha an còrr a' dol gu daoine a bha ag iarraidh dàrna dachaigh no àite a leigeadh iad a-mach air màl ghoirid.

Thuirt e, às dèidh dhan sgìre-smachdachaidh a bhith air a stèidheachadh, gu bheil na tha a' coimhead airson prìomh dhachaigh air a dhol suas gu mu 85% de luchd-ceannachd.

Darren McConnell bhon chompanaidh Caledonia Estate Agency ann an geansaidh dubh, na shuidhe faisg air uinneig
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Darren McConnell bhon chompanaidh Caledonia Estate Agency ag ràdh gu bheil iad air buaidh fhaicinn bho thàinig an sgìre-smachdachaidh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach tàinig àrdachadh air taighean air màl ghoirid anns an sgìre a tha na b' àirde na na h-àireamahan sa chumantas air Ghàidhealtachd bho chaidh an sgìre-smachdachaidh a stèidheachadh.

A thuilleadh air a seo, thuirt iad gu bheil an àireamh thaighean dhen t-seòrsa aig an aon ìre, no tha nas lugha dhiubh ann, bho thòisich an sgìre-smachdachaidh.

Dh'innis iad gun deach 35 cead-dealbhachaidh a dhiùltadh le dhà dhiubh sin a' faighinn cead an dèidh ath-thagraidh.

Thuirt iad gum faodadh gu bheil buaidh aig an sgire-smachdachaidh air a' mhargaidh thaigheadais, ged nach urrainn dhaibh a ràdh le cinnt gur e sin a bu choireach

Bill Lobban ann an deise air beulaibh thogalaichean na Comhairle
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil coltas ann gu bheil an sgìre-smachdachaidh ag obair

A rèir Fear-gairm na Comhairle, Bill Loban, tha coltas ann gu bheil an sgìre smachdachaidh ag obair agus gu bheil barrachd thaighean rim faotainn san sgìre.

Thuirt e ge-tà gu bheil e duilich a ràdh dè dìreach a' bhuaidh a th' air a bhith ann an coimeas ri ceumanan eile an leithid ceadan agus àrdachadh sa chìs-chomhairle.

Tha a' bhuidheann a tha a' riochdachadh na roinne fèin-fhrithealaidh ann an Alba ag ràdh gu bheil mì-chinnt mun t-suidheachadh ag innse a sgeòil fhèin.

Thuirt Fiona Chaimbeul, Àrd-oifgear Comann Fèin-fhrithealaidh na h-Alba, nach eil "fianais sam bith ann" g' eil sgìrean-smachdachaidh a' cuideachadh.

Thuirt i nach e "peilear airgid" a th' annta agus i a' toirt rabhadh seachad gu bheil iad a' toirt "droch bhuaidh air eaconamaidhean ionadail."

Fiona Chaimbeul na seasamh air beulaibh taigh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fiona Chaimbeul ag ràdh gu bheil sgìrean-smachdachaidh a' toirt droch bhuaidh air eaconamaidhean ionadail

Tha grunn sgìrean air a' Ghàidhealtachd a' beachdachadh air an aon seòrsa sgeama a chaidh a thoirt a-steach ann am Bàideanach agus Srath Spè a stèidheachadh.

Nam measg tha an t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsair far an do chuir comataidh comhairle taic aig toiseach na mìos ri plana a tha ag amas air sgìre-smachdachaidh a thoirt air adhart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo