Naoinear troimhe am Farpaisean a' Bhuinn Òir

- Air fhoillseachadh
Chaidh naoinear sheinneadairean troimhe gu Farpais Dheireannach Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu - ceathrar bhoireannach agus còignear fhear.
Chaidh comharran dà fharpais - Seinn Aon-Neach (S100/S101) agus an t-Òran Mòr (S102/S103) a chur còmhla airson feadhainn a chur air adhart dhan fharpais dheireannaich.
Ann am farpais nam ban bha na comharran mar a leanas:
373 Laura Robertson às a' Ghearasdan
371 Isabelle Bain à Griais
369 Isla Duke às an Eaglais Bhric
368 Julie-Anne NicPhàidein às an Òban
Cha deach Amanda Millen (362) is Fiona Nic an Tòisich is Layla Orr Nic an t-Saoir (ri chèile 358) troimhe.

Fo-thiotal an deilbh, Laura Robertson
1 de 4
Ann am farpais nam fear, bha na comharran mar a leanas:
372 Mark Mac a' Ghobhainn à Leòdhas
369 Lewis Davey à Ìle
367 Dan MacFhionghain à Inbhir Pheofharain
365 Anndra Cuimeanach às An Leathad
365 Matthew Gilmour Wright à Glaschu
Tha sin a' fàgail gu bheil iad uile troimhe dhan fharpais dheireannaich.

Fo-thiotal an deilbh, Mark Mac a' Ghobhainn
1 de 5
Fo riaghailtean ùra am-bliadhna cha tèid na comharran bhon mhadainn a chur ri comharran na cuairte deireannaich a-nochd.
Thèid an fharpais dheireannach a chumail a-nochd fhathast aig 7:30f agus e ga craoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal agus air BBC ALBA, agus thèid fios mu cò bhuannaicheas fhoillseachadh air làrach-lìn BhBC Naidheachdan an dèidh na farpais.






