"Trioblaidean mòra" fastaidh aig dachaigh-cùraim an Uibhist a Deas

Togalach liath dà-ùrlar sa mheadhan le togalaichean ris a tha geal agus le dìreach aon ùrlar. Tha rathad thuige le loidhnichean geala agus cattle grid. Tùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Tha gu 14mh den Ghearran an ath-bhliadhna aig Comhairle nan Eilean Siar piseach a thoirt air an taigh-chùraim

  • Air fhoillseachadh

Fhuair aithisg Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim nach eil dachaigh-cùraim Taigh a' Chridhe Uile Naomh an Dalabrog an Uibhist a Deas ach "math gu leòr" nuair a thig e gu ceannas, sgioba an luchd-obrach agus an taic a bheir iad a chùm sunnd an luchd-còmhnaidh.

Chaidh luchd-sgrùdaidh ann gun rabhadh ro làimh a thoirt seachad air an 3mh agus an 4mh den t-Sultain.

Tha iad ag ràdh gu bheil luchd-còmhnaidh a' faighinn "cùraim a tha coibhneil agus co-fhaireachdail bho sgioba dhìcheallach", ach gun robh "trioblaidean mòra" aig a' ghoireas luchd-obrach fhastadh agus a ghlèidheadh.

Rinn iad moladh air oidhirpean airson dèanamh cinnteach gun robh luchd-obrach gu leòr ann, ach dh'iarr iad gun tig piseach air "ceannas, barantachd cùraim, luchd-obrach agus trèanadh".

Tha rùm gu leòr san dachaigh, a th' air a ruith le Comhairle nan Eilean Siar, do 19 seann daoine, feadhainn le seargadh-inntinne nam measg.

Fhuair aithisg an luchd-sgrùdaidh gun tàinig piseach air an dòigh san robhar a' dèiligeadh ri lotan agus craiceann an luchd-còmhnaidh.

B' e an dragh a bu mhotha a nochd iad nach robh rèilean-leapa, a chuireas bacadh air daoine bho bhith a' tuiteam às an leabaidh, an-còmhnaidh gan cleachdadh, agus nach deach ionnsachadh bho thubaist a theab tachairt roimhe.

Tha cleachdadh cunbhalach nan rèilean-leapa air fear de na ceithir molaidhean aig Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim do Chomhairle nan Eilean Siar.

Tha iad cuideachd airson riaghladh chungaidhean-lèigheis nas sàbhailte fhaicinn, agus gun dèanar cinnteach gu bheil gu leòr luchd-obrach sgileil leis an trèanadh cheart ann.

Tha suas gu an 14mh den Ghearran an ath-bhliadhna na leasachaidhean a chur an gnìomh.

Chaidh beachd iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar.