"Tha a h-uile duine a' smaoineachadh air Coinneach is an GG còmhla ri chèile"

- Air fhoillseachadh
Tha deagh chuimhne aig Coinneach MacThòmais air a' chiad turas a stiùir e còisir - agus na thuirt a mhàthair ris às dèidh làimh.
Ged a smaoinicheas a h-uile duine an-diugh air Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu nuair a chluinneas iad ainm Choinnich, bha e aig an àm sin os cionn Coisir Cille Bhrìghde an Ear.
"Bha mo mhàthair san audience agus thuirt i 'your face was grey'," tha Coinneach a' cuimhneachadh le gàire.
"Na nerves! Agus tha na nerves ann fhathast, ach tha mi a' smaoineachadh nach eil m' aodann grey a-nise. 'S dòcha dearg."
Chan eil adhbhar sam bith aodann dearg a bhith air Coinneach às dèidh na tha e air coileanadh anns na bliadhnaichean mòra - 41, creid no nach creid - a tha e air a bhith e aig stiùir Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu, no an GG mar a b' fheàrr a dh'aithnichear iad.
San àm sin tha a' chòisir air farpais Sgiath MhicShìmidh agus Thulaich Bhàrdainn a bhuannachadh sia tursan, an turas mu dheireadh bho chionn deich bliadhna ann an Inbhir Nis.
A thuilleadh air sin, tha Coinneach a' dèanamh dheth gu bheil iad air a bhith san dàrna àite còrr is 20 turas - am measg sin na trì bliadhna mu dheireadh a bha an fharpais ann - le Còisir an Òbain a' dèanamh a' ghnothaich orra gach turas.
Tha a h-uile Mòd cudromach ann am beatha còisir - ach tha am fear seo gu sònraichte cudromach dhan GG agus Coinneach air co-dhùnadh gur e seo a' bhliadhna mu dheireadh aige gan stiùireadh.

Ged a tha Coinneach air a bhith a' stiùireadh na còisir airson 41 bliadhna tha e a bhith na bhall bho 1968
'S aithne dhan fheadhainn a tha air a bhith a' seinn sa chòisir tro na bliadhnaichean glè mhath carson dìreach a tha iad air a bhith cho soirbheachail.
"Tha e spòrsail, tha e foighidinneach, tha e cruthachail 'son a bhith a' dèanamh co-sheirm," dh'innis Catrìona NicRath, ceann-suidhe na còisir.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil uallach na còisir mar phàirt mhòr dha bheatha.
"Tha mi a' creids' leis a' chuid as motha againn a tha air a bhith ann 'son iomadh bliadhna, chanadh sinn gur e fìor charaid a th' ann.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math duilich sgaradh a dhèanamh eadar Coinneach agus an GG leis cho fada 's a tha e air a bhith os cionn na còisir - tha a h-uile duine a' smaoineachadh air Coinneach is GG còmhla ri chèile.
"Ach tha mi a' smaoineachadh gur e rud mòr a th' ann, an seòrsa duine a th' ann an Coinneach, tha e a' cur fàilte air a h-uile duine chun na còisir is tha e a' dèanamh cinnteach gu bheil daoine a' faireachdainn mar phàirt dheth.
"Tha a h-uile duine a' faireachdainn mar phàirt den teaghlach".
Angela NicIlleathain ag aithris air deireadh linn do Choinneach MacThòmais agus an GG
Bha an spiorad sin fìor chudromach do Choinneach fhèin nuair a chaill e a bhean Valerie.
"Bha a' chòisir mar theaghlach mòr mun cuairt orm," tha e ag ràdh, is gu dearbh tha grunnan a tha càirdeach dha air seinn anns an GG thar nam bliadhnaichean.
Carson a rèiste a tha e air co-dhùnadh obair an stiùiriche a leigeil seachad agus ceum air ais a ghabhail bhon bhuidhinn?
"Tha mi a' faireachdainn gur e seo an t-àm ceart," tha Coinneach ag ràdh.
"Bha ceann-là mòr agam bho chionn ghoirid. Tha mi a-nise 75 - deich bliadhna seachad air aois retiral!
"Tha an t-àm a-nise ceart 'son cuideigin eile a' chòisir a thoirt air adhart agus tha mi ag iarraidh stad nuair a tha mi slàn gu leòr."
Am measg a h-uile dad eile, tha aon rud nach bi Coinneach ag ionndrainn: an dùbhlan mòr a bhios roimhe a h-uile Sultain taghadh cò an 35 duine a bhios a' seinn ann am farpais Sgiath MhicShìmidh agus Thulaich Bhàrdainn.

Coinneach le duais còisir nam ban ann am Pàislig an-uiridh
Tha e air an taghadh sin a dhèanamh 'son Mòd an Òbain agus cha bhi aige ri dhèanamh tuilleadh.
Eil uallach a bharrachd saoil air an fheadhainn sin a thagh e gus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis aig a' Mhòd mu dheireadh aige san dreuchd?
"Tha mi a' smaoineachadh gur e an rud as cudromaiche a th' ann gun dèan sinn cho math 's a ghabhas a bhith, gun cuir sinn air performance dha," thuirt Catrìona.
"Ma bhios esan toilichte leis mar a sheinn sinn 's e sin an rud a tha a' cunntadh dhuinn, ach tha mi glè chinnteach gum bi deòir ann fad an là."
Agus ciamar a bhios Coinneach fhein a' faireachdainn? Cha bhi aodann glas co-dhiù.
"Beagan nearbhasach. Beagan brònach. Ach tha mi cinnteach gu bheil a' chòisir a-nise nas fheàrr na bha a-riamh san 41 bliadhna.
"An-diugh tha sinn a' dèanamh co-sheirm uabhasach doirbh - ach chì sinn dè thachras."

