Leasachadh £15m do Loidhne-rèile Thaobh an Iar na Gàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Thèid obair càraidh is leasachaidh a dhèanamh air Loidhne-rèile Thaobh an Iar na Gàidhealtachd.
Tha an loidhne, a th' air a meas mar thè dhe na loidhnichean-rèile as bòidhiche anns an t-saoghail, a' ceangal Ghlaschu ris an Òban agus Malaig.
Tha Drochaid-rèile Ghleann Fhionnainn oirre cuideachd is sin air fàs fìor ainmeil is i ann am filmichean Harry Potter.
Bidh obair air drochaid anns a' Choire Odhar mar phàirt dhen leasachadh.
'S e sin an stèisean as iomallaiche anns an Rìoghachd Aonaichte agus bha e anns an fhilm Trainspotting, a nochd ann an 1996.

Mar phàirt dhen obair, thèid sia mìle de rèile is 9,100 trasnan ùrachadh is thèid piseach a thoirt air drèanadh.
Dh'innis Network Rail gum bi seirbheisean troimh-chèile agus gum bi an loidhne eadar A' Chrìon-Làraich agus an Gearasdan dùinte airson naoi là bhon 7mh là chun 17mh dhen t-Samhain.
Cuiridh Network Rail na stèiseanan ann an Raineach is Tulaich gu feum fhads a bhios an obair a' dol.
Chaidh iarraidh air luchd-siubhail na tursan aca ullachadh ro làimh nuair a bhios an obair a' dol.
Obair-leasachaidh an-uiridh air Drochaid-rèile Ghleann Fhionnainn
Thuirt Ross Moran, stiùiriche slighean aig Network Rail na h-Alba, gun cùm an obair seo an loidhne sàbhailte is seasmhach airson bliadhnaichean.
"Tha an loidhne seo riatanach dha na coimhearsnachdan a tha i a' frithealadh agus dhan luchd-tadhail a tha airson a dhol air loidhne-rèile le seallaidhean cho brèagha sa chì thu an àite sam bith san t-saoghal", thuirt e.
"Tha an obair seo a dhìth airson seirbheisean a chumaill aig ìre."