Dà sgìre smachdachaidh màil ghoirid san amharc air Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Thug comhairlichean air Ghàidhealtachd cead do cho-luadar phoblach mu bhith a' cur smachd air màl ghoirid sa mhòr-chuid den sgìre.
Ma thèid am plana air adhart, dheadh aon sgìre smachdachaidh mhòr a stèidheachadh, a' toirt a-steach sgìrean dùthchail, agus sgìre bheag eile ann am baile Inbhir Nis.
Dh'fheumadh daoine aig a bheil taighean sna sgìrean sin cead-dealbhachaidh airson an cur a-mach air màl ghoirid air leithid Airbnb is eile.

Bhiodh dà sgìre ann - tè dha na sgìrean dùthchail agus tè dha baile Inbhir Nis
Mhol aithisgean a rinneadh roimhe gun robh leithid de sgìrean smachdachaidh iomchaidh ann an Inbhir Nis, Loch Abar, Cataibh, an t-Eilean Sgitheanach is Ratharsair, Ros an Iar, Srath Pheofhair agus Loch Aillse.
Bheachdaich a h-uile comataidh sgìreil aig Comhairle na Gàidhealtachd air a' mholadh, agus cho-dhùin cuid air taobh sear na Gàidhealtachd nach robh fianais ann airson an cur an sàs.
Tha smachd mar thà air màl-ghoirid ann am Bàideanach is Srath Spè, agus coltas ann gu bheil sin a' soirbheachadh.
Dh'aontaich Comataidh na h-Eaconomaidh 's a' Bhun-structair Diardaoin gun tèid am fiosrachadh bhon cho-luadar air beulaibh nan comataidhean sgìreil agus gum bi guth aig comhairlichean ionadail air a' cheann thall.
Fianais dhìreach, shoilleir
Thog a' bhuidheann Living Rent fianais taobh a-muigh oifisean na comhairle ann an Inbhir Nis 's iad ag iarraidh gum biodh a' Ghàidhealtachd air fad air a toirt a-steach gu sgìre smachdachaidh, seach earrainnean a bhith air am fàgail a-mach.
Thuirt a' bhuidheann nach eil mar a tha a' chomhairle a' làimhseachadh na cùise an-dràsta a' dèanamh gu leòr airson dìon a chur air coimhearsnachdan bho bhuaidh màl turasachd air èiginn an taigheadais air Ghàidhealtachd.
Thuirt Comann Fèin-Aoigheachd na h-Alba gu bheil fianais a bharrachd a dhìth mus tèid a leithid a chur air dòigh.
"Tha am plana seo a' coireachadh luchd-gnothachais chiallach gu ceàrr fhad 's nach eil e a' dèanamh dad mu choinneimh nam fìor thrioblaidean a tha air cùlaibh dhùbhlan taigheadais - eadar dàrna dachannan, barrachd thaighean a bhith falamh, agus cion taighean," thuirt Àrd-Oifigear na buidhne, Fiona Chaimbeul MBE.
"Gus an toir Comhairle na Gàidhealtachd fianais dhìreach, shoilleir seachad gu bheil an sgìre smachdachaidh a th' aca mar thà a' toirt seachad piseach a ghabhas tomhas a thaobh cothrom air taigheadas no comas ceannaich, 's nach robh buille gun dùil aige, cha bu chòir am poileasaidh seo a leudachadh gu sgìrean eile den Ghàidhealtachd."