Tachartasan 'Outlander' an Cille Mheàrnaig

Caisteal Dean ann an Cille MhèarnaigTùs an deilbh, wfmillar / Geograph
  • Air fhoillseachadh

Thèid là de thachartasan a chumail Disathairne aig Caisteal Dean ann an Cille Mheàrnaig a bhios a' comharrachadh na Gàidhlig, cultar nan Gàidheal, dualchas a' chaisteil agus deich bliadhna bho nochd e sa phrògram ainmeil Outlander.

'S iad Fòram Gàidhlig Siorrachd Àir an Ear agus buidheann na comhairle, Ayrshire360, a tha air seo a chur air dòigh.

Nochd an caisteal anns an dàrna sreath de Outlander agus bha pàirt chudromach aige anns an sgeulachd anns an dràma mu Bhliadhna Theàrlaich.

Bha an fheadhainn a chuir an tachartas air dòigh airson an t-àite aig a' chaisteal san t-sreath a chleachdadh airson ìomhaigh na Gàidhlig a thogail ann an Siorrachd Àir.

Dh'fhoillsich an cleasaiche Sam Heughan, a tha a' cluiche Jamie Friseil ann an Outlander, trèana aig Caledonian Sleeper Eta sa Chèitean, 's e air ùr-sgeadachadh ann an ìomhaighean bhon phrògramTùs an deilbh, David Parry/PA Media Assignments

Thuirt Chris Payton bho Fhòram Gàidhlig Siorrachd Àir an Ear gun do chuir iad beachd gu Ayrshire360 airson tachartas den t-seòrsa seo agus gun do ghabh a' bhuidheann sin ris.

"Bhruidhinn mi ri Gillebrighe MacIlleMhaoil mu dheidhinn agus bha fios agam gu bheil e an sàs ann an Outlander mar chomhairleach Gàidhlig agus gu dearbh, gun robh e anns an t-sreath Outlander cuideachd.

"Agus bha e gu math deònach pàirt a ghabhail ann an tachartas agus sin mar a thòisich e", thuirt e.

Mar phàirt den tachartas, bidh Gillebrighde, a chluich bàrd anns an t-sreath air a bheil Gwyllyn, a' dèanamh seisein còmhla ri daoine a tha airson Gàidhlig ionnsachadh, a' toirt òraid seachad mun phàirt a bh' aige sa phrògram agus a' seinn òran Seumasach.

Bidh Sgioba Luaidh Inbhir Chluaidh agus Còisir Ghàidhlig na Leargaidh Ghallda cuideachd a' seinn aig an tachartas.

Agus bidh cuairtean ann timcheall a' chaisteil agus an sgìre mun cuairt a tha stèidhichte air a' Ghàidhlig, is far am faigh daoine barrachd a-mach mu dheidhinn Outlander agus mun chaisteal fhèin.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na tachartasan air fad an seo, taobh a-muigh.