Milleadh na paracait ann an Inbhir Nis

Chrisanne Robasdan
  • Air fhoillseachadh

Tha grunn dhaoine ann an Inbhir Nis a' dèiligeadh ri dol a-mach mì-shòisealta anns a' choimhearsnachd le milleadh ga dhèanamh air na càraichean aca gu h-àraid.

Ach cha deach duine a chur an grèim agus gu dearbh chan eil na poilis às dèidh duine sam bith - leis gur e eun beag uaine as coireach a rèir choltais.

Tha daoine ann an sgìre Loch Àrdail ann an Inbhir Nis air paracait fhaicinn air na càraichean aca agus e a' reubadh phìosan rubair bho uinneagan agus uipearan.

ParacaitTùs an deilbh, Angus Chisholm

Chunnaic Chrisanne Robasdan, a tha a' fuireach ann an Loch Àrdail, isean beag uaine anns an sgìre an toiseach sa Ghearran am-bliadhna.

Thuirt i gur i den bheachd gun robh e àlainn - gus am faca i am milleadh a bha e a' dèanamh.

"Tha e air tòrr mòr millidh a dhèanamh air na càraicheas suas is sìos an t-sràid, agus chan urrainn dhuinn càil a dhèanamh mu dheidhinn.

"'S ann sìos na h-uinneagan, rubair sìos cliathaich nan uinneagan agus na h-uipearan, sin as motha a tha e a' dèanamh.

Milleadh air uipear

Tha a' choimhearsnachd air fios a chur air SPCA na h-Alba agus air an RSPB ach thuirt iad nach robh na buidhnean sin airson a dol an sàs.

Chuir iad fios air NàdarAlba cuideachd ach thuirt a' bhuidheann sin nach robh gnothach aig a' mhilleadh ri obair ghlèidhteachais.

Agus dh'innis buidheann a tha an urra ri smachd a chumail air droch-bhiastan nach b' urrainn dhaibh dad a dhèanamh às aonais cead bho NàdarAlba.

Milleadh air uinneig chàir

Tha cosgaisean mòra an lùib a' mhillidh a chaidh a dhèanamh.

Thuirt Chrisanne gun do chosg e mu £800 do fhear de na nàbaidhean aice uinneag chàir a chàradh.

Agus tha i an dùil gun deach cron a dhèanamh a chosg na milltean notaichean bhon a thòisich an trioblaid.

Tha cuid anns an sgìre a-nis a' còmhdachadh nan càraichean le plaideachan sònraichte ann an oidhirp an dìon bho pharacait.

Càr le còmhdachd airson a dhìon