Naidheachdan 10:00m

Anndra Mountbatten Windsor

Tha Oifis Nàisteanta an Sgrùdaidh ag ràdh gun robh Anndra Mountbatten Windsor air trì togalaichean a bh' aige air màl air oighreachd an Loidse Rìoghail a chur a-mach air màl e fhèin airson suim nach deach fhoillseachadh. Bha iad air sgrùdadh a dhèanamh air na h-aontaidhean a th' ann a thaobh dhachannan an Teaghlaich Rìoghail. Fhuair iad cuideachd gun robh nigheanan an t-seann Phrionnsa, Beatrice agus Eugenie, a' fuireach ann an lùchairtean 's gun robh an Rìgh a' pàigheadh màl orra le airgead fhèin.

Andy Burnham

Tha Mayor Mòr-Sgìre Mhanchester ag ràdh gun rachadh e an sàs ann am farpais airson Ceannas nan Làbarach nam biodh tè ann. Bha Andy Burnham a' bruidhinn air Question Time a' BhBC 's còignear den fheadhainn tha a' seasamh ann am fo-thaghadh Makerfield an sàs sa phrògram. Tha aig Mgr Burnham ris am fo-thaghadh a tha sin a ghlèidheadh ma tha e airson a dhol an sàs ann am farpais cheannais ge-tà. Tha an liosta slàn den fheadhainn tha seasamh air làrach-lìn a' BhBC.

An Ear-Mheadhanach

Tha an Ceann-Suidhe Trump ag ràdh gu bheil e air bruidhinn ris an dà chuid Israel agus Hezbollah feuch an gabh iad ri fosadh san Lebanon. Tha Hezbollah air diùltadh gabhail ris an aonta Aimeireaganach a tha air a' bhòrd ge-tà.

Henry Nowak

Thuirt Rùnaire a' Cheartais aig Westminster, David Lammy, gu bheil soillearachd a dhìth mun stiùireadh do dh'oifigearan ann an Sasàinn agus anns a' Chuimrigh airson a bhith a' dèiligeadh ri mion-shluaghan. Tha ceist ga togail mun stiùireadh às dèidh mar dhèilig na poilis ri murt Henry Nowak. Tha an Oifis Neo-eisimeileach air Dòigh-Giùlain nam Poileas a' dèanamh sgrùdaidh air a' phàipear a tha ag ràdh nach eil a bhith an aghaidh gràin-cinnidh idir a' ciallachadh gum bu chòir dèiligeadh ris a h-uile duine san aon dòigh.

A9

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bu chòir misneachd a bhith aig daoine gun gabh obair-leasachaidh an A9 a dhèanamh ro 2035 - agus iad air planaichean ùra fhoillseachadh. Bha dùil gum biodh an obair deiseil an-uiridh, ach 's iomadh dàil a th' air a bhith ann thar nam bliadhnaichean. Tha cuireadh ga thoirt do chompanaidhean gus tagraidhean a dhèanamh airson chùmhnantan luach £2bn airson nam pìosan den rathad nach eil air a dhol tron phròiseas sin fhathast.

Am Morair Wallace

Tha seirbheis chuimhneachadh airson an seann leas Phrìomh Mhinistear, am Morair Wallace, a chumail madainn an-diugh aig Cathair Eaglais Dhùn Bhlàthain.

Dh'eug seann cheannard nan Lib Deamach san Fhaoilleach aig aois 71 as dèidh dha dhol fo lannsa aig Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann.