Cùrsa meadhanan SMO aig 35 is sgoilearachdan ùra ann do dhithis

Somhairle MacIain a' faighinn stiùir bho Dharren MacIlleathain.Tùs an deilbh, Sabhal Mòr Ostaig
  • Air fhoillseachadh

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' stèidheachadh dà sgoilearachd ùr airson an dioplòma aca anns na Meadhanan Gàidhlig agus iad a' comharrachadh 35 bliadhna bho thòisich iad a' teagasg chùrsaichean anns an roinn.

Tha luach £2,500 an urra san dà sgoilearachd ùr.

Thòisich SMO a' chiad dhioplòma aca ann an craoladh Gàidhlig ann an 1991, nuair a chaidh an t-Urras Trèanaidh airson Telebhisean Gàidhlig a chur air bhonn.

'S iomadh neach a rinn an cùrsa bhon uairsin is mòran aca air a dhol air adhart gu dreuchdan anns na meadhanan air a' cheann thall.

Thuirt Sabhal Mòr gu bheil 22 a-mach à 26 de na daoine a cheumnaich sna còig bliadhna a dh'fhalbh fhathast ag obair sna meadhanan.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 4, Cuid a rinn an cùrsa thar nam bliadhnaichean,

Thog iad air Somhairle MacIain, Calum MacIlleathain, Karen Elder, Catrìona Lexy Chaimbeul agus Ramsay MacMahon mar chuid de na rinn an dioplòma anns na bliadhnaichean mu dheireadh is a tha ag obair anns meadhanan Gàidhlig, ann am foghlam, agus anns na gnìomhachasan cruthachail.

Tha cothrom ùr ann a-nise do dhithis oileanach airson 2026/27.

Thuirt SMO gun deach na sgoilearachdan ùra a dhealbhachadh gus daoine tàlantach le Gàidhlig a bhrosnachadh gu bhith a' toirt dreuchd a-mach sna meadhanan.

Tha iad ag ràdh gu bheil an Dioplòma sna Meadhanan Gàidhlig air atharrachadh thairis air nam bliadhnaichean gus freagairt air mar a tha saoghal nam meadhanan fhèin air atharrachadh, ach gu bheil e fhathast mar bhunait gum faigh oileanaich trèanadh practaigeach tron cuir iad eòlas air a' ghnìomhachas tro mheadhan na Gàidhlig.

"Fad 35 bliadhna, tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith aig teas-meadhan na h-iomairt gus daoine tàlantach oideachadh is a thrèanadh airson dreuchd sna meadhanan Gàidhlig agus gus roinn chraolaidh na Gàidhlig a neartachadh," thuirt Stiùiriche a' Chùrsa aig Sabhal Mòr Ostaig, Catrìona NicIain.

"Ma choimheadas tu air iomadh companaidh riochdachaidh ann an Alba a bhios a' cruthachadh susbaint airson BBC ALBA, 's e as coltaiche gum bi cuideigin ann a cheumnaich bhon chùrsa againne.

"Tha sinn glè mhoiteil às ar luchd-ceumnachaidh agus a' bhuaidh a tha iad air a thoirt, agus a tha iad fhathast a' toirt, air an roinn.

"Leis na sgoilearachdan seo, tha sinn a' toirt taic do dhaoine tàlantach le Gàidhlig gus cur ris na sgilean, a' mhisneachd agus ris an eòlas aca gus am bi iad comasach air dreuchdan a thoirt a-mach sna meadhanan Gàidhlig agus buaidh a thoirt air an roinn sna bliadhnaichean ri thighinn."

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na sgoilearachdan ùra an seo, taobh a-muigh agus feumaidh iarrtasan a bhith a-steach ro mheadhan-oidhche air an 12mh dhen Lùnastal.