Dh'fhosgail factaraidh mhòr chàballan-mara air Taobh Sear Rois

'S ann am Bàgh an Neig ann an Linne Chrombaigh a tha an fhactaraidh ùr
- Air fhoillseachadh
Tha a' chiad fhactaraidh san Rìoghachd Aonaichte a bhios a' dèanamh chàballan-mara HVDC air fosgladh aig Port an Neig air Taobh Sear Rois.
Thuirt a' chompanaidh Iapanach air cùil a' phròiseict, Sumitomo, gum biodh na càballan a' cumail cumhachd ri 'mòr-rathad dealain' Bhreatainn - an lìonra de chàballan a bhios ann eadar Alba agus Sasainn.
Thuirt iad gun urrainn do na càballan mòran a bharrachd cumhachd a ghiùlain bho thuathanas-gaoithe aig muir seach na tha e comasacha do chàballan traidiseanta àrd-bholdaids.
Tha Sumitomo a' dèanamh dheth gum faodadh gum biodh 250 cosnadh ùr an cois fosgladh na factaraidh, agus gun cumadh an leasachadh taic ri còrr is 400 obair aig companaidhean is buidhnean solair.

Mgr Swinney is Mgr Alexander còmhla ri Osamu Inoue (clì ) agus Masayoshi Matsumoto (deas) bho Sumitomo aig cuirm fosglaidh na factaraidh
Thuirt am Prìomh Mhinistear John Swinney gun robh an goireas £350m a' dearbhadh gu bheil misneachd ann am muinntir, sgilean agus eòlas innleadaireachd na h-Alba.
"Mar a' chiad fhactaraidh de a leithid san Rìoghachd Aonaichte, cuidichidh i ann a bhith a' gabhail brath air na cothroman an cois gaoithe aig muir agus a' neartachadh tèarainteachd cumhachd aig a' cheart àm," thuirt e.
Bha Mgr Swinney aig cuirm fosglaidh na factaraidh còmhla ri Rùnaire na h-Alba aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Douglas Alexander.
Thuirt am BP Làbarach: "Tha Alba a' cuideachadh le aon de na dùbhlain as motha ann a bhith a' gluasad gu cumhachd glan, a' ceangal gaoth na mara far as motha a tha feum air."
Thuirt Sumitomo gun robh na càballan HVDC cudromach a thaobh a bhith a' toirt "an t-uabhas de chumachd gaoth na mara à Alba gu dìreach do na sgìrean sa chòr den Rìoghachd Aonaichte as fheumaiche air ".
Tha an fhactaraidh mar phàirt de Shaor-phort Inbhir Nis agus Linne Chrombaigh.
'S e sgìre a tha seo, a chaidh a chomharrachadh leis an dà chuid riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte, far nach eil na riaghailtean àbhaisteach a thaobh chìsean agus cusbainn a' buntainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An t-Iuchar 2025

- Air fhoillseachadh12 An Lùnastal
