Dithis eileanach air liosta Urraman na Bliadhna Ùire

- Air fhoillseachadh
Tha dithis bho na h-Eileanan an Iar air an ainmeachadh ann an liosta Urraman na Bliadhna Ùire 2024.
'S iad Malina NicLeòid à Loch Portain ann an Uibhist a Tuath ach a bhuineas dha na Hearadh bho thùs agus Tormod "Dokus" Dòmhnallach à Ùig ann an Leòdhas.
Chuir Morair-ionaid a' Chrùin sna h-Eileanan an Iar, Iain MacAmhlaigh, meal an naidheachd orra
"Tha siostam nan urraman a' toirt aithne dhan t-seirbheis phoblaich a tha daoine air toirt seachad agus na rinn iad dhan choimhearsnachd aca."

Thèid OBE a bhuileachadh air Tormod Dòmhnallach
Thèid OBE a bhuileachadh air Tormod "Dokus" Dòmhnallach a th' air a bhith an sàs am beatha phoblach nan Eilean Siar fad 40 bliadhna.
Bha e na bhall de Chomhairle nan Eilean Siar far an robh e mu dheireadh na Fhear-gairm mus do leig e dheth a dhreuchd ann an 2022.
Tha e air a bhith ann an sàs ann an grunn iomairtean na nàbachd fhèin: stèidheachadh na bùtha coimhearsnachd, Là Gàla Ùige a chur air dòigh, Oighreachd Bhaltois a chur ann an làmhan an t-sluaigh agus Ionad Coimhearsnachd Ùige a leasachadh.
Bha e cuideachd 30 bliadhna ag obair do Sheirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba.
Thuirt Iain MacAmhlaigh: "Tha Tormod air mòran a dhèanamh, na dhreuchdan agus gu saor-thoileach, airson iomairtean cudromach a thoirt gu buil a chùm maith na coimhearsnachd aige fhèin agus daoine sna h-eileanan air fad."

Tha Malina NicLeòid (air an taobh chlì) a' faighinn MBE
Tha MBE ga bhuileachadh air Malina NicLeòid airson a cuid obrach mar bhanaltram agus ann an cùram sòisealta thairis air 60 bliadhna.
Bha i na h-àrd-nurs ann an Ospadal Loch nam Madadh airson grunn bhliadhnaichean, agus bha i cuideachd na manadsair aig Ospadal Uibhist is Bharraigh ann am Beinn nam Fadhla a dh'fhosgail ann an 2001.
On leig i dhith a dreuchd, lean Malina oirre ag obair don chathrannas ionadail Tagsa Uibhist a' toirt cùraim do dhaoine nan dachaighean.
Thuirt Mgr MacAmhlaigh: "Bhiodh i a' dràibheadh astar mòr bhon taigh aice ann an Loch Portain airson dèanamh cinnteach gum faigheadh euslaintich an cùram agus an taic a dh'fheumadh iad airson 's gum b' urrainn dhaibh fuireach nan dachaigh fhèin.
"Tha a h-uile duine aca a' bruidhinn air cho dìcheallach 's a bha i dha na dleastanasan aice, a cuid sgilean agus cho math 's a bhiodh i a' coimhead às an dèidh."