Mòd air Taobh Siar Rois an dèidh beàrn 10 bliadhna

- Air fhoillseachadh
Thèid mòd ionadail a chumail ann am Poll Iù ann an 2016 deich bliadhna on chaidh am fear mu dheireadh a chumail san sgìre.
Sheas a' chomataidh a bha a' cur air dòigh Mòd Thaobh Siar Ròis ann an 2016 ach tha oidhirp sa choimhearsnachd an tachartas ath-stèidheachadh
'S e Mòd Pholl Iù a bhios aca air an tachartas ùr ged a bhios e fosgailte do dh'fharpaisich bho air feadh Thaobh Siar Rois.
Tha an Comunn Gàidhealach, ris a bheil mòdan ionadail agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail an urra, a' toirt cuireadh do dhaoine thighinn gu coinneimh ann am Poll Iù oidhche Luain.
Tha Fiona NicCoinnich, Oifigear nam Mòdan Ionadail aig a' Chomunn, ag ràdh gum biodh e na bhuannachd mhòr do sgìre a th' air a bogadh "ann an cultar na Gàidhealtachd agus làn de sgeulachdan, òrain agus eachdraidh".
Tha barrachd chloinne san sgìre a-nis a' faighinn an cuid foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig agus tha i ag ràdh ''gu bheil tòrr ùidh ann am mòd a chur air dòigh a-rithist".
"'S e ginealach ùr a th' ann airson na Gàidhlig agus a' mhòid," thuirt i.
Tha dùil gun tèid Mòd Pholl Iù a chumail san t-Sultain an ath-bhliadhna ged nach deach dèitichean aontachadh fhathast.