Fiosrachadh ga shireadh mu thubaist rathaid mharbhtach an Uibhist a Tuath

Rathad dùbailte le loidhniche geala aig oir agus loidhne gheal bhriste sa mheadhan. Tha crann dealain air a' mhòintich ri a thaobh. Tùs an deilbh, STEPHEN DARLINGTON/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Thachair an tubaist air a' phrìomh-rathad eadar An Clachan agus Loch nam Madadh

  • Air fhoillseachadh

Tha na poilis ag iarraidh taic a' phobaill an dèidh tubaist rathaid faisg air Loch nam Madadh san do chaill fireannach a bheatha.

Thachair an tubaist eadar Mercedes A Class dubh agus Kia Ceed dubh aig Loch a' Bhùird air an A867 eadar Loch nam Madadh agus An Clachan mu 8:55f oidhche Chiadain.

Chaidh draibher an Kia, fireannach aois 43, a thoirt a dh'Ospadal na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu far an do bhàsaich e goirid an dèidh sin.

Chaidh fireannach, 36, a thoirt a dh'Ospadal Uibhist is Bharraigh ann am Beinn na Faoghla.

Bha an rathad dùinte airson faisg air 24 uairean de thìde fhad 's a rinneadh sgrùdadh air an làraich agus dh'fhosgail e às ùr mu 9:00f Diardaoin.

Thuirt an Sàirdseant Calum MacAmhlaigh: "Tha ar smuaintean le teaghlach agus caraidean an duine a bhàsaich aig an àm dhuilich seo.

"Tha an sgrùdadh againn a' leantainn feuch dè a dh'adbhraich an tubaist agus tha sinn ag iarraidh air daoine a chunnaic na thachair thighinn a bhruidhinn rinn, taobh a-muigh.

"Tha sinn cuideachd ag iarraidh air daoine le dealbhan dash-cam a thighinn air adhart."

Tuilleadh air an sgeulachd seo