Mòd Ionadail gu bhith ann am Moireibh airson a' chiad uair

Dannsairean Gàidhealach le duaisean agus cupannan Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
  • Air fhoillseachadh

Thèid Mòd Ionadail ùr a stèidheachadh ann am Moireibh an ath-bhliadhna a' togail air an obair san sgìre cultar agus cànan na Gàidhlig a thoirt air adhart.

Thàinig an naidheachd dìreach beagan sheachdainean mus tòisich am Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis na Gàidhlig, ann an Loch Abar.

Bidh sin a' dol fad naoi là ach 's e tachartas aon là a th' anns na Mòdan Ionadail.

Tha fear Mhoireibh a' ciallachadh gu bheil a-nis 22 gan cumail a h-uile bliadhna an Alba.

Tha dìleab na Gàidhlig follaiseach an ainmean-àite na sgìre.

Rinn Buidheann Ghàidhlig Mhoireibh - luchd-ionnsachaidh shaor-thoileach - obair mhòr airson aire a thoirt dhan chànan le cearcallan còmhraidh agus eile.

Thuirt Mìcheal McClafferty bhon bhuidhinn: "Chan e a-mhàin gun toir e coimhearsnachdan còmhla le bhith a' cumail Mòd Ionadail am Moireibh, bheir e cuideachd taic do dh'obair Comhairle Mhoireibh am Plana Gàidhlig aca a lìbhreagadh."

Tha e ag ràdh gun obraich iad còmhla airson dèanamh cinnteach "gun soirbhich leis a' Mhòd agus gun tèid e na phàirt mhaireannach de bheatha chultarail bhrìoghmhor Mhoireibh".

Cèilidh chloinne aig mòd Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH

Tha an Comunn Gàidhealach a' bhios a' ruith nam mòdan beaga agus nàiseanta ag ràdh gu bheil iad air an doigh gum bi fear ùr ann.

Thuirt Fiona NicCoinnich, Oifigear nam Mòdan Ionadail, gun robh iad "riatanach a thaobh a bhith a' brosnachadh meas dhan Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan".

Thuirt i: "Tha e na adhbhar misneachd a bhith a' faicinn na Gàidhlig a' soirbheachadh air feadh Alba, le barrachd is barrachd dhaoine a' nochdadh ùidh san dualchas aca."

Thèid Mòd Ionadail Mhoireibh a chumail ann an Eilginn Dihaoine an 11mh den t-Sultain 2026.

Thathar a' toirt cuireadh dhan phoball a dhol an sàs ann a bhith ga chur air dòigh.

Cumaidh Buidheann Stiùiridh a' Mhòid Ionadail a' chiad choinneamh aca ann an Cafaidh Òigridh Eilginn aig 7:00f Dimàirt an 14mh den Dàmhair.