Seann talla agus tasglann sa Chòigich air a sgrios ann an teine

- Air fhoillseachadh
Chaidh seann talla drile sa Chòigich a bha ga chleachdadh sa Chogadh Mhòr, agus anns an robh tasglann eachdraidheil ga chumail, a sgrios ann an teine.
Thachair an teine tràth madainn Diluain. Chan eil fhios aig an ìre seo de dh'adhbharaich e.
Bha an togalach ga chleachdadh mar thalla baile mus deach a dhèanamh na ionad-dualchais dhan sgìre.
Thuirt cathraiche Comann Dualchais na Còigich, Iain Muir, gun deach "earrann nach beag" den tasglann a chall.

Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè a b' adhbhar dhan teine
Chaidh a thogail an toiseach mar thalla airson saighdearan a thrèanadh aig àm a' Chogaidh Mhòir, mus deach a chleachdadh mar thalla bhaile, cafaidh agus sgoil pìobaireachd.
"'S e tubaist uabhasach a bh' ann dhan choimhearsnachd a bhith ga fhaicinn na smàl," thuirt Mgr Muir.

Chaidh an togalach a chleachdadh mar thalla bhaile agus mar chafaidh roimhe
"Cha do rinn sinn tomhas iomlan fhathast air na chaidh a chall den tasglann, 's na chaidh a ghlèidheadh dheth."
Thuirt Mgr Muir, ged a chaidh mòran seann dealbhan a chall, gun robh e fortanach gun deach an cur ann an dreach didseatach 's a ghlèidheadh air-loidhne.

Bha an talla na h-ionad cruinneachaidh cudromach dhan choimhearsnachd