Neach san ospadal às dèidh tubaist rathaid faisg air Inbhir Gharadh

An A87 aig Bun LoinnTùs an deilbh, David Dixon / Geograph
  • Air fhoillseachadh

Chaidh aon neach a thoirt dhan ospadal às dèidh droch thubaist rathaid faisg air Inbhir Gharadh ann an Loch Abar madainn Dihaoine.

Chaidh na seirbheisean èiginn, dà ambaileans, heileacoptair eiridinn agus sgioba cùram-èiginnich nam measg a ghairm chun na làraich air an A87 mu 08:35m.

Thugadh euslainteach gu Ospadal Oilthigh na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu mar thoradh air an tachartas.

Chaidh an A87 eadar Inbhir Gharadh agus Bun Loinn a dhùnadh às dèidh na tubaist.