A' Ghàidhlig 'aig cridhe' baile ùr na Cille Bige

Clann sa Chille BhigTùs an deilbh, SABHAL MÒR OSTAIG
  • Air fhoillseachadh

Thèid daoine a bhios a' fuireach ann an taighean ùra faisg air Sabhal Mòr Ostaig a bhrosnachadh gu ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig.

Bidh na 14 taighean deiseil air an ath-mhìos agus thèid an cur a-mach gu iarrtas.

Tha cuid air an cur mu seach airson màil reusanta, cuid rin ceannach air prìs reusanta, agus cuid air an cur mu seach airson seann daoine.

Tha cuideachd làraichean rin ceannach airson 's gun tog daoine an taighean fhèin.

"An t-amas a th' againn uile, 's e gum bi am baile fhèin mar bhaile far a bheil a' Ghàidhlig aig meadhan beatha a' bhaile," thuirt Stiùiriche Leasachaidh na Colaiste, Donaidh Rothach.

"Agus an rud eile a tha cudromach, 's e gu bheil am baile ùr seo air an làraich far an robh seann bhaile a chaidh fhuadachadh san 19mh Linn.

"Mar sin 's e rud gu math iconic a th' ann," thuirt e.

Àrainneachd Ghàidhlig

Le iarrtas cho mòr san Eilean Sgitheanach air taigheadas ge-tà, tha ceist ann am bi a' Ghàidhlig aig cridhe a' bhaile ùir a tha seo.

A rèir a' Chunntais-shluaigh mu dheireadh a rinneadh ann an 2022, tha comas labhairt sa Ghàidhlig aig 38% de mhuinntir Shlèite - sgìre a tha gu math seasmhach a thaobh sin sna cunntasan-sluaigh mu dheireadh.

'S e gu dearbha, an aon sgìre an Alba far a bheil an ceudad sin air a bhith an ìre mhath seasmhach san 20 bliadhna mu dheireadh.

Tha am baile ri taobh na colaiste, far a bheilear ag iarraidh àrainneachd Ghàidhlig a bhrosnachadh gach cuid do luchd-obrach agus do dh'oileanaich.

Tha Mgr Rothach ag ràdh gum feumar an cànan a bhrosnachadh ann a leasachaidhean ùra, 's cothrom a thoirt do dhaoine a tha ag iarraidh fuireach ann am baile le Gàidhlig sin a dhèanamh.

"Na h-amasan againn, 's e gum bi tòrr dhaoine le ùidh a bhith a' fuireach ann am baile Gàidhlig cur a-steach air a shon," thuirt e.

"Ach dìreach mar a tha e an-dràsta, chan eil siostam ann ann an lagh far a bheil cothrom agad sin a dhèanamh gu h-oifigeil.

"Mar sin 's e an obair a th' againne dìreach a bhith ga bhrosnachadh,

"Tha sinn an dòchas, ma tha daoine ag obair san sgìre, ma tha daoine air a bhith ag obair aig an t-Sabhal Mhòr no companaidhean eile a tha ceangailte ris an t-Sabhal Mhòr no anns an sgìre, agus gum bi iadsan ann an dòigh gu math nàdarra a' bruidhinn Gàidhlig co-dhiù.

"Tha sinn an dòchas gum bi sin a' tachairt.

"Tha e faisg oirnn, chan eil e mar phàirt den t-Sabhal Mhòr fhèin, tha e faisg air.

"Agus tha sinn dìreach airson gum bi diofar dhaoine le ùidh sa chànan 's dòcha gum bi iad a' smaointinn "uill seo cothrom mòr againn a bhith nar pàirt de bhaile ùr bheòthail far a bheil Gàidhlig aig meadhan beatha a' bhaile"."

Baile na Cille BigeTùs an deilbh, SABHAL MÒR OSTAIG

An Ath Cheum

Chan eil am baile faisg air a bhith deiseil ge-tà, 's planaichean gu math nas motha air fàire.

Tha dùil ri faisg air 100 taigh air a' cheann thall, le taigh-òsta, ionad-spòrs agus eile na lùib.

"Tha sinn a' coimhead air a' phlana mhòr, agus tha a h-uile rud sin ann.

"Tha mastarplan againn, agus tha sinn ag obair air ceum air cheum.

"Ach an-diugh fhèin tha mi air a bhith a' bruidhinn ris na compàirtichean againn a' coimhead air an ath cheum.

"Agus tha mi an dòchas gum bi sin a' dol air adhart gu math luath, airson gu bheil an talamh a-niste deiseil airson obair-leasachaidh, airson taigheadas a thogail," thuirt e.