Cothrom taigheadais an Slèite

- Air fhoillseachadh
Tha cothrom air fhosgladh cur a-steach airson fear de 17 taighean ùra a bhios ri fhaotainn ann an Slèite san Eilean Sgitheanach.
Tha iad mar phàirt den bhaile ùr a tha Sabhal Mòr Ostaig an sàs ann a bhith a' togail faisg air a' cholaiste sa Chill Bhig.
San dàrna earrann den phròiseact, tha sia dachannan ùra rim faotainn air màl sòisealta, le Comhairle na Gàidhealtachd, agus ochd taighean rin ceannach air prìsean reusanta - a thuilleadh air trì làraichean saora far an urrainnear taigh a thogail.
Uile gu lèir, thathas airson gum bi mu 100 dachaigh air a thogail mar phàirt den leasachadh - le dà theaghlach mar thà a' fuireach ann.
Tha dùil aig a' cholaiste cuideachd, is an leasachadh cho faisg air Sabhal Mòr Ostaig, gun tarraingear luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, ged a bhios cothrom aig a h-uile duine a dh’fheumas fuireach no obrachadh san sgìre.