Naidheachdan 11:00m
Jagtar Singh Johal
Tha teaghlach Sikh Albannach a th' air bhith naoi bliadhna sa phrìosan gun dhìteadh sna h-Innseachan ag ràdh gun deach a shaoradh fo urras. Chaidh Jagtar Singh Johal, à Dùn Breatann, a chur an grèim ann an 2017 fo chasaidean ceannairc. Tha na h-ùghdarrasan Innseanach air a bhith ag ràdh bho thoiseach gun do rinn iad a h-uile dad a rèir lagh na dùthcha sin.
Durham
Tha poilis a' rannsachadh Urras Slàinte Darlington an dèidh dha tighinn am follais gun deach broilleach a thoirt gun adbhar bho co-dhiù 20 boireannach ann an County Durham, fhad 's a bha iad fo leigheas airson aillse. Chaidh innse dhan BhBC gun do rinn an t-urras cron air còrr 's 300 boireannach.
Àrd-easbaig Canterbury
Tha ceistean ann mu Àrd-easbaig Canterbury, Dame Sarah Mulally, a tharraing air ais duais a thug i do chlèireach Muslamach Pagastànach an t-seachdain seo chaidh. Sgaoil Lùchairt Lambeth dealbh aig an àm de Muhammad Tahir Mehmood Ashrafi a' gabhail na duais bhon Àrd-easbaig. Thàinig e am follais an dèidh sin gun do rinn an clèireach moladh aig aon àm air Osama Bin Laden.
Comhairle na Gàidhealtachd
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh coinneamh leis a' Phrìomh Mhinistear, a bhruidhinn air mar as fhèarr a nì atharrachadh sna roinnean poblach buannachd dha na coimhearsnachdan. Tha John Swinney an dùil na bùird-slàinte air tìr-mòr a ghearradh bho aon dheug gu dhà agus tha Riaghaltas an h-Alba a' coimhead cuideachd air meud agus cruth nan ùghdarrasan ionadail.
MRI
Gheibh euslaintich anns na h-Eileanan Siar cothrom air cùram nas fhaisge air an dachaigh nuair a thòisicheas seirbheis MRI ùr air an ath mhìos. Tha sin a' ciallachadh nach feum euslaintich a bhith a' siubhal a Thìr-Mòr no a bhith a' feitheamh cho fada ri scan MRI.
Teintean monaidh
Bidh riochdairean riaghaltais agus na seirbheis-smàlaidh, NàdarAlba agus Coille 's Fearann na h-Alba am measg na bhios aig coinneamh phoblach anns an Aghaidh Mhòir a-nochd a dheasbad teintean monaidh. 'S iad Coimhearsnachd Chroitearan agus Tuathanach a' Mhonaidh Ruaidh a chuir a' choinneamh air dòigh, an dèidh teine mòr bho chionn ghoirid, a mhair còrr 's mìos agus a mhill mòran de mhointeach agus coille na sgìre.