Seòid an Dellair fhoillseachadh aig 17:14 TSB 19 An t-Sultain
Baile Ùr an t-Slèibh 1 Ceann a’ Ghiùthsaich 2
Tha Cupa na Camanachd a' tilleadh gu Ceann a' Ghiùthsaich ma-tha às dèidh bliadhna a chur seachad trì mìle sìos an rathad ann am Baile Ùr an t-Slèibh.
'S iadsan a bha airidh air cuideachd. Ged a bha iad tadhal sìos aig leth-ùine is a' ghaoth air a bhith nan aghaidh, bha glè bheag eadar na sgiobaidhean tron leth sin.
San dàrna leth agus ann an ùine a bharrachd bha Ceann a' Ghiùthsaich gu math nas làidire na na nàbaidhean aca.
Meal a naidheachd orrasan agus taing dhuibhse 'son a bhith còmhla rinn tron fheasgar.
Tùs an deilbh, Neil G Paterson






