Ceist mu mar a chosgar £700m bho chòraichean gaoithe

Thog an rùp a chaidh a chumail ann an 2022 còrr air £700m do Riaghaltas na h-Alba
- Air fhoillseachadh
Feumaidh ministearan a bhith nas fhosgailte mu mar a thathas a' cleachdadh airgid a fhuair Riaghaltas na h-Alba bho reic chòraichean tuathan-gaoithe a stèidheachadh sa mhuir, a rèir Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba.
Thog Rùp ScotWind, a rinneadh ann an 2022, còrr is £700m do Riaghaltas na h-Alba, le companaidhean a' tairgse airson còir fhaighinn tuathanasan-gaoithe a thogail ann an uisgeachan na h-Alba.
Uile gu lèir chaidh còraichean airson 15 sgìre de ghrunnd na mara far chladaichean na h-Alba a reic - leasachaidhean connspaideach Spiorad na Mara far taobh siar Leòdhais, agus Machair Wind ann an Earra-Ghàidheal nam measg.
Shoirbhich le 17 tagradh a-mach à 74 a chuir companaidhean a-steach airson leasachaidhean a dhèanamh anns na làraichean a chaidh a chomharrachadh.
Am measg nam buidhnean a shoirbhich tha leithid BP Alternative Energy Investments, SSE Renewables, is Scottish Power Renewables.
Comhairlichean air aontachadh cur an aghaidh Spiorad na Mara
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios
Dragh an eileanan Earra-Ghàidheal mu bhuaidh thuath-gaoithe aig muir
- Air fhoillseachadh6 An t-Iuchar
Tha dùil gun tig na billeanan notaichean eile dhan sporran phoblach às na leasachaidhean sna bliadhnaichean ri teachd.
Thuirt Oighreachd a' Chrùin gu bheil iad an dòchas gun tig suas ri 10GW às na leasachaidhean.
Chaidh cha mhòr £100m den airgead a chosg mar thà, ach thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba nach eil e soilleir mar a chaidh a chleachdadh airson gluasad a dh'ionnsaigh Net Zero.
Chan eil e soilleir a bharrachd, thuirt iad, ciamar a chleachdar an còrr den airgead.
Dh'iarr a' bhuidheann air ministearean a bhith nas soilleire mun chùis.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil an t-soillearachd sin ann am buidseatan bliadhnail, agus gu bheil iad fhathast fo ghealltanas an t-airgead a chleachdadh gus stòras a stèidheachadh a chùm maith ghinealaichean ri teachd.